BBC Naidheachdan

Dragh gun toir suidheachadh Bhòrd na Gàidhlig buaidh air inbhe a' chànain

Published
image copyrightBòrd na Gàidhlig
Thuirt fear a bha gu mòr an sàs ann a bhith a' stèidheachadh Bhòrd na Gàidhlig bho thùs gu robh suidheachadh a' bhùird ag ìsleachadh inbhe a' chànain ann an Alba.
Tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek ag ràdh gum bu chòir buidheann comhairleachaidh a chur air chois gus taic agus cuideachadh a thoirt dhaibh.
Bha e a' bruidhinn agus Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba air a ràdh gu robh cion stiùir agus laigsean ann an dòighean obrach a' bhùird.
Thuirt an t-Àrd-neach-sgrùdaidh, Caroline Gardner, gum feumadh suidheachadh a' bhùird a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba agus gu robh atharrachaidhean mòra a dhìth.

Càineadh

Ann an aithisg na buidhne-sgrùdaidh rinnear càineadh mòr air an dòigh as a bheilear a' ruith Bòrd na Gàidhlig.
A-rèir na h-aithisg, tha laigsean bunaiteach ann a thaobh ceannais, tha soilleireachd a dhìth mun dòigh a thathas a' dèanamh co-dhunaidhean, tha cultar truagh de rianachd sa bhuidhinn, agus chan eil plana èifeachdach ann airson an luchd-obrach.
"Tha seo cudromach agus, gu ìre, neo-àbhaisteach. Tha e an urra riumsa sgrùdadh a dhèanamh air mu 120 buidheann a h-uile bliadhna agus mar as tric se dìreach mu ochd neo deich buidhnean a thathar a' smaoineachadh a bu chòir a bhith air an toirt gu aire na pàrlamaid.
"Se Bòrd na Gàidhlig aon de na buidhnean sin agus tha sin a' sealltainn cho cudromach sa tha am bòrd agus an obair a tha iad a' dèanamh.
"Tha am bòrd ann an suidheachadh duilich an-dràsta, chan eil teagamh mu dheidhinn sin, agus tha trioblaid ann le misneachd am measg an luchd-obrach agus coimhearsnachd na Gàidhlig, thuirt i.

Cugallach

Tha Dòmhnall Meek, a bha am measg an fheadhainn a stèidhich Bòrd na Gàidhlig, ag ràdh gu bheil staing a' bhùird na bhriseadh-dùil mòr dhàsan agus gu bheil beachd an Àrd-neach-sgrùdaidh nach eil am bòrd ag obair mar bu chòir - na bharail-san - ag ìsleachadh inbhe na Gàidhlig.
"Chan eil mi idir, idir air mo dhòigh gu bheil am bòrd seo a stèidhich mise agus a' bhuidheann a bha a' comhairleachadh an riaghaltais, gu bheil e cho cugallach 16 bliadhna an dèidh dhuinn a stèidheachadh. Chan eil sin math.
"Chan eil mi eòlach air dè a tha a' dol air adhart taobh a-staigh a' bhùird, ach bhon t-sealladh agamsa, tha feum air buidheann comhairleachaidh don bhuidhinn fhèin feuch an cum sinn e.
"Agus se rud luachmhor a th' anns a' bhòrd. Se rud uabhasach a bhiodh ann nan cailleamaid e," thuirt e.
Thùirt Bòrd na Gàidhlig gu robh iad ag aithneachadh gum feum piseach tighinn air an obair aca, agus gu robh iad ag obair a dh'ionnsaigh sin a dhèanamh.