Buaidh dha na Nàiseantaich an Alba

Published
image copyrightPA Media
image captionTha ceannard an SNP Nicola Sturgeon a' dèanamh toileachais aig ionad cunntaidh Ghlaschu

Tha oidhche mhath an dèidh a bhith aig an SNP is iad a' dèanamh mòran nas fheàrr na rinn iad anns an taghadh choitcheann mu dheireadh.

Rinn am pàrtaidh a' chùis air ceannard nan Lib-Deamach ann an Dùn Bhreatann an Ear, far an robh mòr-chuid aice de 5,339, is iad 149 bhòtaichean air thoiseach.

Tha tagraichean Nàiseantach air grunnan roinnean a bh' aig na Tòraidhean agus na Làbaraich a bhuannachadh cuideachd.

Thuirt ceannard an SNP Nicola Sturgeon gur e "oidhche anabarrach math a bh' ann", agus gun tug an dùthaich "teachdaireachd shoilleir" seachad a thaobh referendum eile air neo-eisimeileachd.

Ach, leis na Tòraidhean agus Boris Johnson a' faighinn mòr-chuid aig Westminster, thuirt i: "Tha buil an taghaidh airson na Rìoghachd Aonaichte air fad garbh duilich, ach tha e a' sealltainn gu bheil Alba agus an còrr den RA a' gabhail slighean eadar-dhealaichte."

Tha an SNP air 47 roinn fhaighinn - b' e 35 a fhuair am pàrtaidh ann an 2017.

Cuideachd, rinn Neale Hanvey, an tagraiche a chaill an cothrom seasamh dhan SNP is casaidean na aghaidh gun do nochd e gràin an aghaidh Iùbhach air-loidhne, a' chùis air Rùnaire Dhùbhlanach na h-Alba, Lesley Laird, ann an Cathair Chaldainn agus Cùl Dùn Beithe. Suidhidh e anns a' Phàrlamaid mar neo-eisimeileach gus an tèid crìoch a chur air sgrùdadh smachdachaidh a' phàrtaidh.

Tha na Tòraidhean air sia roinnean Albannach a bhuannachadh, fhuair na Lib-Deamaich ceithir agus na Làbaraich aonan.

Gheall Nicola Sturgeon litir a chur chun a' Phrìomhaire ron Nollaig ag iarradh cumhachd a thoirt do Holyrood indyref2 a chumail.

Thuirt ministear caibineit na RA, Mìcheal Gove, ri ITV nach eil e a' creidsinn gum feum referendum eile air neo-eisimeileachd a bhith ann.