Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

New Zealand

Chaochail aon den fheadhainn a chaidh a ghoirteachadh às dèidh do bholcàno spreadhadh ann an New Zealand an-dè. Tha sin a' ciallachadh gun deach sianar a mharbhadh thuige seo. Tha ochdnar fhathast a dhìth, ach tha oifigich ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun do bhàsaich iadsan cuideachd.

An Taghadh Coitcheann

Tha ceannardan nan ceithir pàrtaidhean poilitigeach as motha an Alba ag ullachadh airson deasbad telebhisein ann an Glaschu a-nochd. Air thoiseach air sin bidh iad a' leantainn orra a' sgaoileadh theachdaireachdan nan iomairtean aca. Tha an SNP a' toirt rabhaidh mun na cunnartan a bhiodh an lùib riaghaltais le Boris Johnson os a chionn. Tha na Tòraidhean gu bhith aig ralaidh ann am Both Chluaidh. Tha na Làbaraich ag iomairt air còraichean luchd-obrach, agus tha na Lib-Deamaich ann an Dùn Èideann ag iomairt an aghaidh an dàrna bhòt air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Glaschu

B' fheudar dha na dusanan de dhaoine na dachannan aca fhàgail às dèidh teine ann am bloca flataichean ann an Glaschu. Thòisich an teine goirid às dèidh 6:30f an-raoir, aig an togalach aig Cidhe Lancefield air bruach a tuath Abhainn Chluaidh. Aig àirde bha 60 smàladair a' strì ris an teine. Dh'obraich iad tron oidhche airson smachd fhaighinn air, agus cha deach duine a ghoirteachadh.

An Eaconomaidh

Dh'fhàs eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte san Damhair aig an ìre as slaodaiche ann an cha mhòr seachd bliadhna, a rèir nam figearan as ùire. Dh'fhàs GDP 0.7% an coimeas ris an Damhair an-uiridh - am fàs as laige bhon Mhàrt 2012. Thar nan trì mìosan chun an Damhair cha robh fàs sam bith ann air an eaconomaidh an coimeas ris a' chairteal ron sin.

Dòmhnall Trump

Cumaidh àrd-Dheamocrataich sna Stàitean Aonaichte coinneamh naidheachd an-diugh a' foillseachadh rud ris an canar na "Articles of Impeachment" a tha an aghaidh a' Chinn-Suidhe Trump. 'S iad seo na casaidean air an tèid bhòtadh ann an Taigh nan Riochdairean, 's ma thèid gabhail riutha tòisichidh an uair sin cùis an aghaidh a' Chinn-Suidhe anns an t-Seanadh.