Fosglaidh Acadamaidh Inbhir Narann do na sgoilearan uile

Acadmaidh Inbhir Narann Image copyright Google
Image caption Chaidh pàirtean de dh'Acadamaidh Inbhir Narann a dhùnadh rè ùine an t-seachdainn 's a chaidh

Chaidh luchd-teagaisg a thoirt a-steach do dh'Acadamaidh Inbhir Narann agus 15 den luchd-obrach dheth tinn.

Chaidh an sgoil a dhùnadh do 358 sgoilearan S1-S3 Diluain agus Dimàirt

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum fosgladh an sgoil sa bheil còrr agus 640 duine òg a' faighinn oideachaidh dha na sgoilearan gu lèir Diciadain.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun d'fhuair an sgoil glanadh mòr oidhche Luain agus gun deigheadh glanadh a bharrachd a dhèanamh oidhche Mhàirt.

Thuirt iad nach d' fhuair iad fianais gur e an norobhìoras, a tha ag adbhrachadh na buinnich agus dìobhairt, a dh'fhàg an luchd-obrach tinn.

Thuirt fear-labhairt: "Tha sinn a' comhairleachadh do luchd-obrach agus do sgoilearan nach eil gu math fuireach aig an taigh gus am bi iad a' faireachdainn nas fheàrr gus nach bi cothrom aig am bhìoras sgapadh."