"Dè nach dèan an t-uisge, nuair a rinn e mise"

An leaghadair agus a' Ghearsdan Image copyright AndrewTyronGeograph

Tha uisge gu leòr anns a' Ghearasdan.

Air an 10mh là den Dùbhlachd 1929 dh'fhosgail factaraidh shònraichte fo sgàil Beinn Nibheis a chleachdadh cuid den uisge ud.

Bidh an dealan air fad a chleachdas an leaghadair aluminium a' tighinn bhon sgeama haidro a tha co-cheangailte ris.

An-diugh comharraichear 90 bliadhna on a dh'fhosgail an leaghadair.

A bharrachd air na milleanan de thunnaichean de dh'aluminium a chruthachadh thar nan deicheadan, tha an leaghadair cuideachd air cosnaidhean seasmhach a thoirt dhan sgìre.

Image copyright ÙisdeanMacIllFhinnein
Image caption Ingot a' cuimhneachadh a' chiad turais a dhòirt aluminium às an leaghadair ùr ann an 1929.

Cha b' urrainn gum biodh fios aca gum maireadh an làrach cho soirbheachail cho fada. Agus bha adhbhran gu leòr ann a bhith teagmach mun ghnìomhachas. Bha eaconomaidh an t-saoghail ann an suidheachadh èiginneach ann an 1929 agus an Seacadh Mòr air tòiseachadh beagan mhìosan roimhe.

Dh'èiricheadh an àireamh de dhaoine gun chosnaidhean anns an Rìoghachd Aonaichte bho 1m gu 2.5m taobh a-staigh bliadhna.

Ach shoirbhich leis an leaghadair, chan ann a-mhàin tron t-Seacadh sin ach tro iomadh cnap-starra eile.

Image copyright ÙisdeanMacIllFhinnein
Image caption Ìomhaigh de Cheann Loch Lìobhainn, agus suidhcheantas "Dè nach dèan an t-uisge, nuair a rinn e mise" sgrìobhte air bonn aluminium.

Beagan sheachdainean às dèidh dha fosgladh, dìreach ron bhliadhna ùir, chaidh a' chiad ingot a dhèanamh. Chaidh buinn a dhèanamh às a' mheatailt sin, gus an tachartas eachdraidheil a chomharrachadh. Sgrìobhte air aon taobh den bhonn bha an ceann-là agus air an taobh eile, mun cuairt air ìomhaigh de Cheann Loch Lìobhainn, chaidh sgrìobhadh sa Ghàidhlig, "Dè nach dèan an t-uisge, nuair a rinn e mise".

Bha athair Ùisdein MhicIllFhinnein ag obair ann airson 34 bliadhna. Bidh Ùisdean an làthair aig an leaghadair Dimàirt, gus an ceann-là cudromach seo a chomharrachadh.

"Bha e cudromach a thaobh sgìre Loch Abair ach cuideachd dhan Ghàidhealtachd gu lèir," thuirt e.

Image copyright AFP
Image caption Na tunailean a cheangail an stèisean-haidro ris an leaghadair, air cliathaich Beinn Nibheis.

Ma ghabhas tu an rathad bho thuath chun a' Ghearasdain, chì thu na pìoban fada a tha a' ruith le cliathaich na beinne as motha san dùthaich.

'S ann tro na pìoban seo a shruthas an t-uisge a ghineas an dealan a chleachdas an leaghadair. Cleachdaidh an leaghadair a' mhòr-chuid den chumhachd a ghineas an stèisean haidro. Thèid an còrr den dealan a reic ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tharraing obair-togail an ionaid-haidro, agus gu h-àraid togail nan tunailean fada, luchd-obrach dhan sgìre agus an t-uabhas Ghàidheal nam measg.

Agus an uair sin, nuair a bha an obair-togail deiseil, fhuair gu leòr obair anns an leaghadair fhèin.

Image copyright ÙisdeanMacIllFhinnein
Image caption Dh'obair athair Ùisdean MhicIllFheinnein aig an leaghadair fad 34 bliadhnaichean.

"Cha bhithinn-sa an seo an-diugh"

"Thug an fhactaraidh cosnadh gu math cinnteach do dhaoine, a mhair bliadhnaichean mòra. Thog iad ceudan de thaighean dha na daoine ud cuideachd ann am Baile Inbhir Lòchaidh.

"Mar sin bha cruinneachadh agus coimhearsnachd gu math Gàidhealach agus Eileanach ann. Tòrr Uibhistich is Leòdhasaich agus Hearaich.

"Tha ceangailean dlùth aig an t-uabhas anns an sgìre ris an fhactaraidh a thug cosnaidhean dha na ceudan.

"Mura biodh gun robh an fhactaraidh sin ann cha bhiodh mo mhàthair is m' athair air coinneachadh agus cha bhithinn-sa an seo an-diugh."

Image copyright ÙisdeanMacIllFhinnein
Image caption Athair Ùisdein MhicIllFhinnein dìreach mus an do leig e dheth a dhreuchd.

Nas cudromaiche na bha e riamh

Thairis air na bliadhnaichean tha atharrachaidhean mòra air tighinn air Loch Abar agus Alba, le iomadh factaraidh agus gnìomhachas trom eile a' crìonadh agus a' dol à bith.

An-diugh, chan eil factaraidh aluminium eile air fhàgail anns an Rìoghachd Aonaichte.

"Dh'fhalbh Ceann Loch Lìobhann, dh'fhalbh Foithir, dh'fhalbh Inbhir Ghòrdain fiù 's. A' coimhead timcheall air sgìre Loch Abair, dè eile tha air fhàgail ann ach turasachd?" dh'fhaighnich Mgr MacIllFhinnein.

"Ach 's e rud a tha mìorbhaileach mu dhèidhinn tionnsgalan an aluminium gu bheil iad air a' bhith ag atharrachadh mar a tha iad air a bhith a' fàs," thuirt Mgr MacIllFhinnein.

Beagan bhliadhnaichean air ais bha ceistean ann mu dheidhinn na bha an dàn dhan leaghadair, gu h-àraid nuair a dh'fhoillsich a' bhuidheann Rio Tinto aig an robh sealbh air aig an àm gun robh iad an dùil a reic. Ach nuair a cheannaich GFG Alliance an làrach airson £330m ann an 2016, nochd misneachd agus dòchas anns an sgìre, le planaichean airson obair na làraich a leasachadh.

"A-nis tha saoghail ùr ann, na ceudan de mhilleanan gan cur a-steach dhan sgìre a-rithist, ceudan de chosnaidhean a-rithist gan gealltainn," thuirt Magr MacIllFhinnein.

Image copyright JimBartonGeograph
Image caption Ìomhaigh fhir-obrach an leaghadair ann an Inbhir Lòchaidh, agus na pìoban bhon sgeama haidro rim faicinn air a chùlaibh

An-diugh, tha an leaghadair a cheart cho cudromach dhan eaconomaidh ionadail agus dhan choimhearsnachd. Tha fhathast còrr is 170 duine ag obair aig an làraich.

"Chan eil briseadh air a bhith ann, sin an rud a tha cudromach," thuirt Mgr MacIllFhinnein.

"Tha e nas cudromaiche an-diugh 's dòcha na bha e riamh."