Deasbad
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Lìonacleit air Buannachadh an Deasbad Nàiseanta

6 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S iad Sgoil Lìonacleit a thàinig am bàrr ann an Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean a-raoir.

Rinn iad a' chùis air Sgoil Sir E Scott sa chuairt dheireannach, a chaidh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba.

'B e cuspair an deasbaid: "Gur ann sna bailtean mòra a bhios na fìor choimhearsnachdan Gàidhlig ann am fichead bliadhna eile."