"Feumaidh piseach tighinn air an trèana oidhche"

Carbad air an trèana oidhche

Tha an t-seirbheis trèana oidhche an Caledonian Sleeper air tuiteam fon ìre ris a bheil dùil sa chùmhnant, a rèir Riaghaltas na h-Alba, 's feumaidh piseach tighinn air.

Tha an t-seirbheis a' ruith eadar a' Ghàidhealtachd agus Lunnainn.

Thug an Riaghaltas a-niste plana gnìomha don chompanaidh a tha ga ruith, Serco, a tha a' sònrachadh leasachaidhean dham bu chòir prìomhachas a thoirt.

Tha iomadach trioblaid air a bhith ann dhan t-seirbheis, leithid maoidheadh stailce le buill an aonaidh RMT a bha a' cumail a-mach gun robh iad ag obair ann an suidheachadh do-fhulaingte.

Thug sreath de thrioblaidean buaidh cuideachd air an t-seirbheis ùr, le trèanaichean ùra sa bheil 75 carbad le seòmraichean dùbailte en-suite, 's a chosg £150m, a thòisich san Ògmhios am-bliadhna.

Eadar meadhan na Sultaine agus 12na an Damhair, cha robh ach 63% de sheirbheisean eadar Lunnainn agus Dùn Èideann a rèir a' chlàir-ama.

Airson seirbheisean eadar an Gearasdan, Obar Dheathain agus Inbhir Nis is Lunnainn, bha am figear sin aig 72% thairis air an aon ùine - ach san fharsainneachd bha 80% de thrèanaichean a rèir a' chlàir-ama.

Thuirt Serco Caledonian Sleepers Eta gun deadh leasachaidhean a dhèanamh air cho earbsach 's a tha na trèanaichean dealannach agus diesel aca, gnothaichean sna depothan agus sna stèiseanan, agus air conaltradh ris a' bhuidhinn a tha an urra ris a' bhun-structar, Network Rail.

Thuirt iad ann an litir gu Còmhdhail Alba gun robh "aithreachas" orra gun robh "na h-uimhir de thrioblaidean air buaidh a thoirt air cunbhalachd na seirbheis".

Thuirt iad cuideachd gun robh iad air ceumannan a ghabhail a dh'ionnsaigh "prìomh adhbharan nan dùbhlan a th' air a bhith aca o chionn ghoirid aithneachadh".