Bhàsaich an duine leis an robh Hercules am mathan

Hercules, Andy & Maggie Robin Image copyright Supplied
Image caption Bha Hercules còmha ri Andy agus Maggie Robin airson 25 bliadhna.

Tha luaidh ga dhèanamh air Andy Robin, leis an robh Hercules am mathan.

Bhàsaich Mgr Robin, a bha na fhear-carachd soirbheachail na òige, aig aois 84.

Thàinig Mgr Robin agus am mathan, a bha 9tr de dh'àirde, gu aire a' mhòr-shluaigh nuair a chaidh Hercules ma sgaoil ann am Beinn nam Fadhla ann an 1980.

Hercules ga shireadh

Bha na Poilis agus an t-arm air a thòir, ach thug e 24 là grèim fhaiginn air.

Chaidh a lorg an Uibhist a Tuath.

Bhàsaich Hercules anns a' bhliadhna 2000 aig aois 25, agus tha e air adhlacadh an Uibhist a Tuath.

Ghabh Mgr Robins, a bha a' fuireach mu dheireadh ann an Uachdar Àrdair, stròc bho chionn sia bliadhna - agus bha e gu math tinn thairis air na seachdainean mu dheireadh mus do bhàsaich e anns an ospadal Oidhche Chiadain.

Cheannaich Mgr Robin agus a bhean, Magaidh, Hercules bho Phàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd nuair a bha e na chuilean airson £50 ann an 1975.

Duine carthannach

Bha Maggie Robin ag ràdh gur e duine beòthail agus carthannach a bh' anns an duine aice.

A bharrachd air a dhol air seacharan an Uibhist, bhiodh Hercules a' gabhail bìdh ann an taighean-sèinnse Lunnainn agus bhuilich Bòrd Turasachd na h-Alba urram "personality of the year" air.

Bha e cuideachd uabhasach dèidheil air leann is choinnich e ri Mairead Thatcher.

Nochd e air grunn phrògraman telebhisein agus fhuair e fiù 's pàirt anns an fhiolm James Bond Octopussy, a thàinig a-mach ann an 1983.

Thuirt teaghlach Mhgr Robin gun tuirt e mus do bhàsaich e gun robh e fhèin ag iarraidh a bhith air a thìodhlacadh an Uibhist a Tuath, ri taobh Hercules.