Ro-èisteachd san Fhaoilleach mu thubaist Super Puma

Sarah Darnley, Gary McCrossan, Duncan Munro and George Allison
Image caption Chaochail ceathrar anns an tubaist ann an 2013

Thèid ro-èisteachd a chumail san Fhaoilleach mu thubaist anns an deach ceathrar a mharbhadh nuair a chaidh heileacoptair dhan mhuir faisg air Sealtainn.

Bha 18 duine air bòrd an Super Puma a nuair a chaidh i dhan uisge air a slighe a Sumburgh ann an 2013.

Bhàsaich Sarah Darnley à Eilginn, Gary McCrossan à Inbhir Nis, Donnchadh Rothach à Bishop Auckland agus George Allison à Winchester san tubaist.

Thèid an ro-èisteachd a chumail air thoiseach air rannsachadh tubaist bhàsmhor.

'S ann aig Cùirt an t-Siorraim ann an Obar Dheathain air an 29mh den Fhaoilleach a bhios e.

Thuirt aithisg a chaidh fhoillseachadh ann an 2016, nach tug na paidhleatan aire dlùth gu leòr ri ionnsramaidean an heileacoptair, mus deach i a-nuas.

Mar sin cha do mhothaich iad nuair a thàinig lùghdachadh air luaths an Super Puma.

Chaidh an 14 duine eile a bha air bòrd a shàbhladh.