Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

4 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

NATO

Thuirt Àrd-rùnaire NATO, Jens Stoltenberg, gum bi na ceannardan a' deasbad airson a' chiad uair an-diugh mar a tha àite Shìona air feadh an t-saoghail air a dhol am meud. Aig toiseach an dàrna latha de chòmhraidhean, cha robh Mgr Stoltenberg airson cus a dhèanamh de sgaraidhean taobh a-staigh a' chaidreachais, 's e ag ràdh gu robh e misneachail gun gabhadh eus-aontaidhean a rèiteachadh. Thuirt Boris Johnson gun robh esan a' cur a làn thaic ri NATO agus gun robh a' bhuidheann a' toirt sìth agus tèarainteachd do na ceudan mhilleanan dhaoine.

Mì-ghiùlan

Chàin am Pàrtaidh Poblachdach aithisg a tha ag ràdh gu bheil argamaidean airson Dòmhnall Trump a chur às a dhreuchd mar cheann-suidhe. Cho-dhùin aithisg Comataidh Faisneis Thaigh nan Riochdairean, gun robh fianais shoilleir ann do mhì-ghiùlan. Tòisichidh Comataidh nam Britheamhan a' beachdachadh an-diugh air am bu chòir casaidean foirmeal a chur an aghaidh a' chinn-suidhe.

Bàs ann an Glaschu

Thugar fireannach an grèim co-cheangailte ri bàs duine, aois 43, a chaidh fhaighinn ann an Glaschu feasgar an-dè agus e air a ghoirteachadh gu dona. Fhuairear am fireannach air Rathad Lochend ann an sgìre Easterhouse mu 4.45f. Thugar gu Ospadal Rìoghail Ghlaschu e, ach bhàsaich e goirid às dèidh làimh.

Grenèid

Tha oifigearan poilis a' dèanamh deuchainnean forensic air na tha air fhàgail de ghrenèid an dèidh dha a bhith air a thilgeil air carbad poilis ann an Èirinn a Tuath. Thachair an ionnsaigh air taobh siar Béal Feirste sa mhadainn. Thuirt na poilis nach deach duine a leòn, ach gur e oidhirp a bha seo - gun teagamh - oifigearan a mharbhadh.

Soithichean luchd-turais

Tha beachd ann gum faodadh soithichean luchd-turais mòra puirt na Gàidhealtachd a sheachnadh ma thèid cìs thurasachd a chur an sàs. Thug co-bhantachd de ghnothachasan ionadail rabhadh seachad gun cruthaicheadh i barrachd obair rianachd agus gum biodh i na dhroch theachdaireachd do dhaoine a tha an dùil tadhal air an sgìre. Thathas a' tuigse gun tig Riaghaltas na h-Alba gu co-dhunadh tràth an ath-bhliadhna air am bu chòir cùmhachd a thoirt do dh'ùgharrasan ionadail cìs thurasachd a chur air dòigh.

Iomairtean taghaidh

Bha Brexit, neo-eisimeileachd na h-Alba agus mar a thathas a' cosg airgead poblach am measg nan cuspairean a thogar sa chiad deasbad telebhisein Albannach eadar ceannardan na ceithir prìomh phàrtaidhean poileataigeach ann an Alba. Chaidh Nicola Sturgeon a cheasnachadh mun obair a tha am pàrtaidh aice air a dhèanamh sa Riaghaltas Albannach agus mu na planaichean aice airson neo-eisimeileachd na h-Alba. Chuir Ceannnard nan Tòraidhean, Jackson Carlaw, dìon air an taic a tha e a' toirt do Bhoris Johnson agus air na h-atharrachaidhean ann an sochairean sòisealta. Chaidh iarraidh air Ceannard nan Làbarach, Richard Leonard, seasamh a' phàrtaidh air Brexit agus referendum eile air neo-eisimeileachd a dhèanamh soilleir. Agus chuirear ceist an dèidh ceist air ceannard nan Lib Deamach, Willie Rennie, mu mar a làimhsich am pàrtaidh aige-san a' cho-bhanntachd a bh' aca le na Tòraidhean.