Leasachadh Sràid na Glìbe ga dheasbad

Sràid na Glìbe Image copyright Richard Dorrell / Geograph
Image caption B' àbhaist amar-snàimh a bhith air an làraich ri taobh Abhainn Nis.

Nì comhairlichean air a' Ghàidhealtachd deasbad Diciadain air planaichean 'son taigh-òsta a thogail air Sràid na Glìbe ann an Inbhir Nis.

B' àbhaist amar-snàimh a bhith air an làraich ri taobh Abhainn Nis, ach tha i air a bhith bàn fad iomadh bliadhna.

Tha companaidh leasachaidh Duitseach, Vastint Hospitality, a-nise air tighinn air adhart le planaichean 'son taigh-òsta anns am biodh 175 seòmar-leapa.

'S e taigh-òsta le ceithir rionnagan a bhiodh ann, air a ruith leis a' chompanaidh Marriott.

Bhiodh còig urlar san togalach.

"Uabhas"

Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e togalach aig àrd ìre a bhiodh ann nach toireadh droch bhuaidh air coltas na sgìre.

Tha iad a' moladh gum bu choir do chomhairlichean cead a thoirt seachad.

Ach Urras Catharra Inbhir Nis am measg na tha a' cur an aghaidh nam planaichean.

Thuirt iadsan gu bheil cunnart ann gur e "uabhas ailtireach" a bhios anns an togalach, coltach ris an leasachadh a rinneadh air Sràid na Drochaide anns a' bhaile anns na 1960an.

Thèid na planaichean a dheasbad le Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas Diciadain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile