Gàrradh MhicFhearghais fo shealbh na stàite

Gàrradh MhicFhearghais Image copyright Getty Images

Tha Gàrradh MhicFhearghais fo shealbh phoblach gu foirmeil an dèidh do luchd-rianachd agus Riaghaltas na h-Alba aonta a ruighinn.

As t-Fhoghair, cho-dhùin luchd-rianachd aig Deloitte gur e an gàrradh a chur ann an làmhan poblach an rud as fheàrr don luchd-creideis, a dh'aindeoin agus gun d'fhuair iad trì tairgsean coimearsalta.

Bidh an làrach aig Port Ghaschu air Abhainn Chluaidh a-nis a' dol fon ainm, Ferguson Marine (Port Glasgow) Ltd.

Tha mu 300 duine a' faighinn cosnaidh ann.

Image copyright Getty Images
Image caption Rinneadh aonta 'son an gàrradh a shàbaladh ann an 2014

Chaidh an gàrradh ann an làmhan luchd-rianachd an dèidh eus-aonta le CMAL (Caledonain Maritime Assets Ltd) - a' chompanaidh ris a bheil soithichean ChalMac an urra às leth Riaghaltas na h-Alba - mu dhà bhàt'-aiseig a bhathar a' togail fo chùmhnant le prìs stèidhichte luach £97m.

A-rèir Deloitte aig an àm, bha an cùmhnant mòran air dheireadh agus thairis air buidseat.

Chan eil fhios cuine a bhios na bàtaichean-aiseig deiseil. Tha aon tè gu bhith a' seòladh air an t-seirbheis eadar Ùige, An Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha òrdugh airson bhàtaichean ChalMac air connspaid adhbhrachadh

Ghabh Riaghaltas na h-Alba uallach airson na làraich san Lùnastal fo aonta stiùiridh leis an luchd-rianachd.

Chaidh cur às do dh'fhiachan luach mu £50m de dh'iasadan luchd-pàighidh nan cìs.

Mus deach a' chompanaidh fo stiùir an luchd-rianachd as t-samhradh, thuirt Jim MacColla am fear-gnothachais a ghabh thairis an gàrradh ann an 2014 nuair a bha e an ìmpis a dhol ann an rianachd, gun robh coltas ann gun cosgadh an dà shoitheach a dhà uidhear agus a chaidh aontachadh fon chùmhnant.

Chuir e a' choire air CMAL leis gun do dh'iarr iad grunn atharrachaidhean air dealbhachadh nan soithichean adhartach a bhios a' ruith air an dà chuid diesel agus air gas nàdarra (liquefied natural gas).

"Ceum Air Adhart"

Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Derek MacAoidh: "Tha sinn air a bhith ag obair fad dà bhliadhna airson fuasgladh fhaighinn air na duilgheadasan aig Gàrradh MhicFhearghais agus 's e am prìomhachas againn gun tèid crìoch a chur air an dà bhàt'-aiseig aig CalMac, gun tèid obraichean a dhìon agus gun soirbhich leis an làraich san àm ri teachd.

"'S e fear de na prìomh rudan a bhios mi a' sireadh bho mhanaidsearan a' ghàrraidh fios a thoirt seachad air cuine a bhios an dà shoitheach deiseil, agus innsidh mi barrachd mun chlàr-ama agus cosgaisean a' chùmhnaint cho luath sa ghabhas."