Dh'ainmicheadh fear a bhàsaich ann an tubaist rathaid

Ryan Smith Image copyright Police Scotland

Dh' ainmich na poilis an duine a chaochail ann an tubaist rathaid air an A9 faisg air Alanais Dihaoine sa chaidh.

B' e Ryan Mac a' Ghobhainn, aois 25 bliadhna, a bhuineadh do dh' Alanais fhèin.

B' e e fhèin a bha a' dràibheadh càr Peugeot, a bha ann an tubaist le càr eile, Ford Edge.

Tha na poilis fhathast airson fiosrachadh fhaighinn mun tubaist, a thachair aig 17:10f Dihaoine.

Thuirt iad gum biodh dealbhan Dash-cam gu h-àraidh feumail dhaibh.