Mòd 2020 ga chur air bhog an Inbhir Nis

Mòd Inbhir Nis
Image caption Dannsairean Gàidhealach aig an tachartas ann an Taigh-Baile Inbhir Nis.

Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chur air bhog gu h-oifigeil aig tachartas ann an Taigh-Baile Inbhir Nis madainn Diluain.

Chaidh fàilte a chur air le Comhairle na Gàidhealtachd agus measgachadh de dhaoine òga a' taisbeanadh nan sgillean aca.

Tillidh am Mòd dhan bhaile an ath-bhliadhna, airson a' chiad turas ann an sia bliadhnaichean.

Dh'aidich Iain Moireasdan, Àrd-Oifigeir a' Chomuinn Ghàidhealaich, gu bheil aig Inbhir Nis ri Mòd a bha fìor shoirbheachail ann an Glaschu am-bliadhna a leantainn.

"Bha a h-uile càil mu dhèidhinn Mòd Ghlashu math dha-rìribh," thuirt e.

"Ach tha an comataidh ionadail a th' againn an seo airson Mòd na h-ath-bhliadhna an dòchas an aon sheòrsa tachartais a bhith againn, a bhith a cheart cho trang is a cheart cho math is a bh' againn ann an Glaschu."

Ginealach Òg

Tha iad ag iarraidh gum bi an ginealach òg a' frithealadh nan tachartasan a rèir Màiri Dhòmhnallaich, a tha na ball de chomataidh ionadail Mòd Inbhir Nis.

"Tha sinn an dòchas gum bi an òigridh nan seòrsa de riochdairean airson a' Mhòid agus gum bi iad an lùib a h-uile sian," thuirt i.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun cùm iad orra a' cur taic ris a' Mhòd, ged a dh'aontaich comhairlichean bho chionn ghoirid gun geàrr iad maoineachadh air a shon.

An-dràsta, bidh a' Chomhairle a' toirt seachad £40,000 gach bliadhna dhan Chomunn Ghàidhealach, ach an ath-bhliadhna thèid an t-suim sin a ghearradh gu £37,500.