Pod-chraoladh ùr de sgeulachdan Gàidhlig

Micro-fòn
Image caption Chruthaich Fòram Sgeulachdan na h-Alba am pod-chraoladh ùr.

Tha pod-chraoladh ùr de sgeulachdan Gàidhlig a-nis ri fhaighinn air-loidhne.

'S e Sgeul is Seanachas a th' air a' phod-chraoladh a tha Fòram Sgeulachdan na h-Alba air cruthachadh.

Cluinnear measgachadh de sgeulachdan traidiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig, air an gabhail le sgrìobhadairean agus bàird eadar-dhealaichte.

'S e an craoladair Ruairidh MacIllEathain a tha a' leughadh na ciad sgeulachd, agus bidh tè ùr a' nochdadh a h-uile mìos.

Fhuair am Fòram taic agus maoineachadh airson a' phròiseict seo bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Leabhraichean.

Tha am pod-craoladh ri fhaighinn aig www.storytellingforum.co.uk/podcast-pod-craoladh