Eadar An Teallach agus Na Himalayas

An Teallach Image copyright HillWalkerGeog

Shaoileadh gu leòr nach robh a' Ghàidhealtachd coltach ri Nepal

Ach bha beanntan an dà sgìre am-measg chuspairean cuid de dh'fhiolmaichean Fèis Fhiolmaichean nam Beann ann an Dùn Dè.

Air a stèidheachadh ann an 1983 's i an fhèis fhiolmaichean beinne as fhaide a tha air a bhith a' dol san Rìoghachd Aonaichte.

A' bharrachd air na fiolmaichean fhèin bha tachartasan eile, leithid òraidean, bùithean-obrach agus taisbeanaidhean dhealbhan,

Thàiris air trì latha, chumadh na tachartasan eadar-dhealaichte air feadh a' bhaile mar pàirt den fhèis a thòisich Diardaoin.

Am-measg nan òraidichean bha Calum MacIlleathain, bhon t-sreath aig BBC Alba, Dhan Uisge.

Image copyright BC
Image caption Thug Calum MacIlleathain seachad òraid aig an fhèis mun obair aige.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' toirt air daoine smaoinntinn: Dh'fhaotainn fhèin rudeigin ùr fheuchainn, no rudeigin nas cruaidhe fheuchainn no dhol gu àiteigin ùr," thuirt Calum.

"Tha thu a' tighinn ann agus tha thu a' faighinn togail agus tha thu a' faighinn spionnaidh.

"Dhomh fhèin tha e math faicinn dè tha daoine eile ris cuideachd."

Thug Keith Partridge, am fear-camara cliùiteach a rinn obair air an fhiolm, Touching the Void, òraid seachad cuideachd.

Image copyright Getty Images
Image caption Baile beag Phortse ann an Nepal, cuspair aon de dh'fhiolmaichean na fèise.

Oidhche Shathuirne, thugadh seachad duais airson an fhiolm a bu mhotha a chòrd ri luchd amhairc na fèise.

Am bliadhna-sa 's e am fiolm Sherpas Speak a bhuannaich.

Chaidh a chlàradh ann am baile beag Phortse ann an Nepal

Tha e ag innse sgeulachd nan Sherpathan, tùsanaich na sgìre, a tha ainmeil airson an obair aca a' cuideachdadh shreapadairean suas agus sìos cuid de na beanntan as àirde air an t-saoghail.

Ann an Sherpas Speak, bidh iad ag innse carson a bhios ri obair cho cunnartach agus a' mìneachadh cuid de na dùbhlain a tha air fàire dhan coimhearsnachd agus dhan dòigh bheatha aca.