Taghadh Chupa MhicAmhlaidh

Tòisichidh Ceann a' Ghiuthsaich an oidhirp aca air Cupa MhicAmhlaidh a dhìon le geama air falbh an aghaidh Chill Mhàillidh.
Chaidh an taghadh airson farpais 2020 a tharraing aig AGM Chomann na Camanachd air an deireadh-sheachdain.
Ma nì Ceann a' Ghiuthsaich a' chùis air Cill Mhàillidh, dh'fhaodadh iad an uairsin a dhol an aghaidh nan seann nàimhdean aca, Baile Ùr an t-Slèibh, a bha air an taghadh an aghaidh Loch Abair sa chiad chuairt.
'S e an Gearasdan an aghaidh Cheann Loch Seile geama tarraingeach eile sa chiad chuairt.
Bidh a' chuairt dheireannach anns an Òban air an 22mh den Lùnastal.
Tha an taghadh air fad mar a leanas.
Cupa MhicAmhlaidh
A' Chiad Chuairt - 02/05/20
Caol Bhòid - Obar Dobhair
Ceilteach an Òbain - Baile a' Chaolais
Camanachd an Òbain - Eilean Bhòid
Inbhir Aora - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
Loch Abar - Baile Ùr an t-Slèibh
An Gearasdan - Ceann Loch Seile
Cill Mhàillidh - Ceann a' Ghiuthsaich
Cabair Fèidh - Lòbhat
An Dàrna Chuairt - 13/06/20
Ceilteach an Òbain / Baile a' Chaolais - Camanachd an Òbain / Eilean Bhòid
Caol Bhòid / Obar Dobhair - Inbhir Aora / Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
An Dàrna Chuairt - 27/06/20
Loch Abar / Baile Ùr an t-Slèibh - Cill Mhàillidh / Ceann a' Ghiuthsaich
An Gearasdan / Ceann Loch Seile - Cabair Fèidh / Lòbhat
An Iar-Chuairt-Dheireannach - 25/07/20
Ceilteach an Òbain / Baile a' Chaolais / Camanachd an Òbain / Eilean Bhòid - Caol Bhòid / Obar Dobhair / Inbhir Aora / Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
Loch Abar / Baile Ùr an t-Slèibh / Cill Mhàillidh / Ceann a' Ghiuthsaich - An Gearasdan / Ceann Loch Seile / Cabair Fèidh / Lòbhat