Solais Nollaige a' deàrrsadh am Port Rìgh

Solais Nollaige
Image caption Solasan Nollaige air Sràid Wentworth

'S e iomairt na coimhearsnachd a dh'fhàg gu bheil solais Nollaige ann am Port Rìgh am-bliadhna an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd innse nach eil buidseat aca tuilleadh air an son agus airson craoibh.

Mar sin, thàinig muinntir a' bhaile agus Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe còmhla aig toiseach 2019 airson airgead a thogail iad fhèin airson an t-àite a sgeadachadh an Nollaig-sa agus san àm ri teachd.

Bha an iomairt, Light Up Portree, a' sireadh £10,000 airson seo a dhèanamh, ach 's e £28,000 a fhuair iad an dèidh tòrr rudan tachairt thar na bliadhna airson airgead a thogail.

Bha Bodach na Nollaige an làthair le na fèidh Lochlannach aige aig a' chuirm mhòr ann am meadhan Phort Rìgh oidhche Shathuirne far an deach na solais a lasadh.

Image caption Thàinig Bodach na Nollaige chun a' phàrtaidh

Bha Myra NicLeòid an sàs san iomairt gus an tachartas a mhaoineachadh.

"Bha e mar chnap sneachda a bha a' fàs agus a' fàs agus bidh sinn an dòchas gur ann as fheàrr a bhios e a' dol a h-uile bliadhna.

"An-dràsta, chan eil sinn ach sa cheàrnag seo agus air Sràid Wentworth, ach bidh sinn an dòchas gum fàs e," thuirt i.

Thuirt Ruairidh MacCarmaig, fear òg a bhuineas dhan bhaile, gu robh e duilich a bhith a' faicinn cho lom sa bha an t-àite aig àm na Nollaige an-uiridh.

"Cha robh faireachdainn ann gu robh an Nollaig air nochdadh agus tha mi a' smaoineachadh gur e tachartas air leth a th' ann airson baile mar Phort Rìgh gu bheil sluagh a' nochdadh air oidhche dhorcha gheamraidh agus gu bheil daoine ann an sunnd na Nollaige a-nis.

"Bidh mòran dhaoine a' falbh airson tachartas mar seo fhaicinn 's dòcha ann an Inbhir Nis neo ann an Glaschu, ach tha e math ann airson baile beag mar Phort Rìgh," thuirt e.

Image caption Cha d'fhuair iad craobh cho mòr agus a bha iad ag iarraidh

Bha aon rud air am bi iad an dòchas a thig piseach an ath-bhliadhna agus 's e sin a' chraobh leis nach tàinig an tè mhòr a dh'òrdaich iad ach tè mòran na bu lugha na h-àite.

"Bidh sinn an dòchas nach bi a' ghaoth a' dol leatha oir mar as àbhaist bidh a' ghaoth ga faighinn a h-uile bliadhna agus bidh car a' dol innte," thuirt Myra NicLeòid.