Bhuannaich dealbh de Thursachan Chalanais co-fharpais

Tursachan Chalanais Image copyright Scott Davidson
Image caption An dealbh aig Scott Davidson a bu mhotha a chòrd ris na britheamhan.

'S e ìomhaigh de Thursachan Chalanais ann an Leòdhas a bhuannaich an dàrna Co-fharpais Dhealbhan aig Fèis Iarmailt Dhorcha Innse Gall.

Chaidh a thogail le Scott Davidson à Steòrnabhagh, agus bidh e air duilleag aghaidh leabhran na fèise, a bhios ri fhaotainn an t-seachdain seo.

Bidh an dàrna fèis a' dol eadar Dihaoine 7mh den Ghearran agus Disthairne 22mh den Ghearran le sreath thachartasan: ceòl, fiolmaichean, obair ealain, biadh agus òraidean mu reul-eòlas.

Bidh dealbhan bho luchd-dhealbh à Leòdhas agus na Hearadh cuideachd air an taisbeandh ann.

Dàrna Fèis na h-Iarmailt Duirche

Thuirt Anndra Eaton-Lewis a tha os cionn na fèise: "'S cinnteach gur e Calanais fear de na h-àiteachan as motha dem bi daoine a' togail deilbh ann an Leòdhas agus, mar sin, 's e dùbhlan mòr a bhith a' tarraing deilbh dheth a tha ga shealltainn ann an dòigh ùr.

"Chaidh aig Scott air seo a dhèanamh leis an t-solas agus an sealladh san ìomhaigh a tha ga fàgail cho tarraingeach.

"Tha sinn air ar dòigh glan gum bi an dealbh iongantach seo a' sanasachd Fèis Iarmailt Dhorcha Innse Gall dhan t-saoghal mhòr."

Chaidh an fhèis a chur air bhonn sa Ghearran am-bliadhna.

Bidh fèis 2020 a' cuimhneachadh air an Oll. John Brown, Reul-Eòlaiche Rìoghail na h-Alba, a bhàsaich deireadh na Samhna, beagan làithean an dèidh do phrògram na fèise a bhith air fhoillseachadh.

Bha dùil ri òraid bhon Oll. Brown, a thug taic mhòr dhan fheadhainn a chuir air dòigh an tachartas, aig an dàrna fèis sa Ghearran.