Bhàsaich muc-mhara le "cnap-sgudai" 100cg na broinn

A' mhuc-mhara a chaidh air an tràigh Image copyright Dan parry

Chaidh "cnap-sgudail" sa robh 100cg de chuideam fhaighinn ann an stamag muc-mhara spùtaich a bhàsaich sna Hearadh.

Bha lìn-iasgaich, ròpan, bannan-pasgaidh, pocanan agus cupanan plastaig am measg na fhuaireadh na chnap am broinn a' bheathaich a lorgadh air Tràigh Sheileboist Diardaoin.

Tha eòlaichean ag ràdh nach eil e follaiseach aig an ìre seo an e an trealaich seo a bu choireach ri bàs na muice-mara.

Ach tha an fheadhainn a fhuaireadh i den bheachd gu bheil e a' dearbhadh cho dona agus a tha truailleadh nan cuantan.

Tha Dan Parry a' fuireach ann an Losgaintir: "Bha e cho duilich gu h-àraid nuair a chunnaic sinn na bh'ann de lìn-iasgaich agus sgudail a thàinig àiste.

"Bidh sinn a' coiseachd air an tràigh seo cha mhòr a h-uile là agus bidh mi an-còmhnaidh a' toirt leam poca airson an sgùdail a thig air tìr, nithean iasgaich a tha sa chuid as motha dheth.

"Dh'fhaodadh gun deach an stuth seo a chall ann an stoirm ach tha e a' sealltainn dè cho dona 's a tha truailleadh na mara."

Image copyright Dan Parry
Image caption Bha lìn agus ròpan am measg na fhuaireadh am broinn a' bheathaich fhirinn òig, a rèir SMASS

Rinn sgioba bho SMASS, buidheann a bhios a' sgrùdadh bàs mhucan-mara agus leumadairean, rannsachadh air a' mhuc-mhara feuch dè thug bàs dhi.

Air Facebook thuirt iad: "Cha robh am beathach ann an droch staid, agus dh'fhaodadh gur e na bha de sgudal innte gu ìre a dh'adhbhraich a bàs ach cha d'fhuair sinn fianais gun do chuir sin bacadh air na caolain aice.

"Tha e uabhasach ge-tà na bha de phlastaig na broinn agus 's iongntach mura tug e buaidh air siostam cnàmhaidh a' bheathaich. 'S e dearbhadh a th' ann mu na cunnartan an cois sgudail-mhara agus an cron a dh'fhaodadh uidheamachd iasgaich dèanamh air creutairean mara."

Image copyright Dan Parry
Image caption Cha b'urrainn dhaibh a'mhuc-mhara a thoirt a-mach gu muir agus chaidh a tìodhlaiceadh air an tràigh

Tìodhlaichte air an tràigh

Tha dùil gur ann bhon dà chuid an tìr agus bho ghnìomhachas an iasgaich a thàinig an trealaich.

Bha na Maoir-Chladaich agus luchd-obrach Comhairle nan Eilean Siar an sàs san obair rannsachaidh air a' mhuc-mhara Disathairne, cho math ri bhith a' cladhach toll mòr san deach a cur.

A rèir SMASS tha an àireamh mhucan-mara agus leumadairean a thig gu tìr an Alba a' dol am meud.

Fhuair iad 204 aithrisean ann an 2009, agus còrr agus 930 ann an 2018.