Tha dragh ann gun caill Lios Mòr seirbheis aiseig do luchd-coise

Bàt'-aiseig
Image caption Am bàt'-aiseig a tha a' seòladh eadar Port na h-Apann agus Lios Mòr

Tha am bàt'-aiseig eadar Lios Mòr agus Port na h-Apann ann an cunnart a dhol à bith.

Beachdachaidh buill Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid Diaordaoin air aithisg a tha ag ràdh gum feumar soitheach eile a chur air an t-slighe leis nach eil an tè a th' ann a' cumail ri riaghailtean ùra a thaobh sàbhailteachd mara.

Aig a' cheart àm tha còmhraidhean a' dol eadar Còmhdhail na h-Alba agus an t-ùghdarras ionadail mu bhith a' gabhail thairis nan seirbheisean a tha an urra ris a' comhairle an-dràsta.

Image caption Cluinnidh comhairlichean nach eil am bàt'-aiseig a' cumail ri riaghailtean sàbhailteachd mara

Tha dà bhàt'-aiseig a' frithealadh air muinntir Lios Mòir: tè às an Òban a bhios a' giùlan charbadan, an tè eile airson daoine air chois a-mhàin tarsainn a' chaolais aig Port na h-Apann.