Fireannach marbh às dèidh tubaist-rathaid

Bhàsaich fireannach, 25, às dèidh tubaist-rathaid air an A9 faisg air Rubha Alanais.

Thachair an tubaist, eadar càr Peugeot 208 glas agus Ford Edge glas, mu 17:10 Dihaoine.

B' e an duine a bha a' dràibheadh a' chàir Peugeot a bhàsaich.

Chaidh fios a chur gu theaghlach.

Chaidh dithis a bha a' siubhal anns a' chàr Ford a leòn ach cha deach gu dona.

Tha Poileas Alba ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist, neo na càraichean beagan ro-làimhe, fios a chur thuca.

Thuirt iad gum biodh dealbhan Dash-cam gu h-àraidh feumail dhaibh.