Fiosrachadh cudromach bho iolairean-mara Uibhist
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fiosrachadh cudromach bho iolairean-mara Uibhist

28 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ged a tha còrr 's 40 bliadhna bho chaidh tòiseachadh iolairean mara a thilleadh a dh'Alba, tha buidhnean glèidhteachais fhathast ag ionnsachadh agus a' faighinn barrachd tuigse air dè dha-rìribh a tha na h-eòin ag ithe.

San dàrna aithris aice mu iolairean-mara ann an Uibhist a Tuath tha Shona NicDhòmhnaill a' coimhead air an rannsachadh a thathas a' dèanamh air na neadan aca faic ciamar a tha iad a' tighinn beò.