Sea Eagles
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iolairean mara Uibhist

26 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

A dh'aindeoin gearainnean thuathanaich agus croitearan gu bheil iad a' falbh le na h-uain aca, cha d'fhuaireas fianais sam bith ann an nead ann an Uibhist gu bheil iolairean mara a' creachadh stuic.

Thòisichear a' cumail suil air an nead bho chionn còrr is bliadhna agus, nuair a chaidh sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air bho chionn ghoirid, cha robh cnamhan uan rin lorg am measg an treallaich.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.