Fuireach sa Phrìomh Lìog an t-amas aig County

Steafan Fearghasdan, Roy MacGriogair and Stiùbhart Kettlewell. Image copyright SNS

Thuirt Cathraiche Ross County, Roy MacGriogair, gum biodh e toilichte nam fuiricheadh Ross County anns a' Phrìomh Lìog, ged a tha iad an-dràsta ann am meadhan na lìge às dèidh 14 geamannan.

Chaidh sgioba Inbhir Pheotharain suas dhan Phrìomh Lìog am-bliadhna is iad air an Championship a bhuannachadh an dèidh dhaibh a dhol sìos dhan dàrna roinn an-uiridh.

Tha County anns an t-seachdamh àite an-dràsta, puing fo Hibernian.

Thuirt MacGriogair ris a' BhBC: "Tha sgiobannan nam bailtean mòra làidir a-rithist.

"Bhithinn toilichte crìochnachadh anns an deicheamh àite gus am faigh sinn bliadhna eile anns an lìog."

A' bruidhinn mun àm ri teachd, thuirt e: "Tha mi gu ìre ag ullachadh airson an ath-chathraiche.

"Chan eil fiachan sam bith aig a' chluba. Bidh an cluba soirbheachail an dèidh dhomh-sa falbh.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh air na freumhan againn. Feumaidh sinn cuimhneachadh cò sinn agus cò a tha sinn a' riochdachadh. Tha sin nas cudromaiche na bhith a' feuchainn ri soirbheachas a cheannach."