Manifesto nan Uaineach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Manifesto nan Uaineach Albannach

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air am manifesto aca fhoillseachadh ann an Glaschu.

'S iad targaidean airson a bhith a' toirt a-steach còmhdhail phoblach an asgaidh, agus seachdain obrach ceithir là cuid de na prìomh amasan aca.

Mar a shaoilear, tha dòighean gus dèiligeadh ri staing na gnàth-shìde aig cridhe a' mhanifesto cuideachd, a bharrachd air molaidhean gus eaconomaidh nas seasmhaiche a chruthachadh.

Tha am manifesto a' mìneachadh "Aonta ùr Uaine" a tha na h-Uainich a' meas riatanach airson piseach a thoirt air suidheachadh èiginneach na gnàth-shìde.

Chruthaicheadh seo còrr is "200,000 cosnadh seasmhach, susbainteach" fo shiostam ùr eaconomach.

Tha còmhdhail fo smachd Holyrood, mar sin 's e Riaghaltas na h-Alba a dh'fheumadh co-dhùnadh a dhèanamh air poileasaidhean sam bith, seach na buill phàrlamaid a thèid a thaghadh san Dùbhlachd.

Tha na h-Uainich a' cur an aghaidh Bhrexit agus a' cur taic ri neo-eisimeileachd na h-Alba.

Dh'iarradh iad dàrna referendum air neo-eisimeileachd mus biodh aonta fàgail eadar-amail sam bith eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach air a thighinn gu ceann.

Cuid eile de na tha sa mhanifesto:

  • Bancaichean sgìre a stèidheachadh
  • Companaidhean còmhdhail, cumhachd agus an grid nàiseanta a chur ann an làmhan na stàite
  • Teachd-a-steach coitcheann a gheibheadh a h-uile duine gach mìos son leigeil leotha na pàtranan obrach aca fhèin a dhealbh.
  • Barrachd bun-structair airson coiseachd agus rothaireachd sna bailtean mòra
Image copyright Pàrtaidh Uaine na h-Alba
Image caption Seasaidh 22 tagraiche Uaineach an Alba san taghadh seo.

Seasaidh tagraichean Uaine ann 22 de na 59 seataichean ann an Alba aig an taghadh seo, suas bho thrì ann an Taghadh 2017.

Tuilleadh air an sgeulachd seo