Roinnean taghaidh: Na h-Eileanan an Iar
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Taghadh 2019: Na h-Eileanan an Iar

22 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Le nas lugha na trì seachdainnean ri dhol chun an taghaidh choitcheann, tha tagraichean nan diofar phàrtaidhean trang a' gnogadh air dorsan 's iad a' feuchainn ri cùl-taic an luchd-bhòtaidh a chosnadh.

Tha ceathrar thagraichean a' seasamh ann a roinn-taghaidh na h-Eileanan an Iar, le Làbarach, Tòraidheach agus Lib Deamach ag iomairt airson an sgìre a bhuannachadh bhon a' phàrtaidh Nàiseanta.

Choinnich am fear-naidheachd againn, Ruaraidh Rothach, ri na tagraichean.