Manifesto nan Làbarach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Jeremy Corbyn

Tha am Pàrtaidh Làbarach air manifesto an taghaidh aca fhoillseachadh, 's iad a' gealltainn "cruth atharrachadh" a thoirt air an Rìoghachd Aonaichte.

Thug iad cuideachd gealltanasan seachad airson seirbheisean rèile, uisge, dealain agus seirbheisean puist a thoirt air ais dhan roinn phoblaich.

Gheall Ceannard nan Làbarach gun tèid an eaconomaidh a dhèanamh "uaine", ach chaidh lùghdachadh a dhèanamh air amasan a' phàrtaidh airson an Rìoghachd Aonaichte a thoirt gu ìre "neoni carbon" ro 2030.

Tha am manifesto cuideachd air planaichean a mhìneachadh airson cìs air companaidhean ola agus airson cur às dhan àrdachadh ann an aois a' pheinnsein.

Brexit

Thuirt Mgr Corbyn gun robh am manifesto "radaigeach" agus gun tigeadh "atharrachadh dha-rìribh" na chois.

A thaobh Bhrexit, tha am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh gu bheil iad airson aonta ùr a chur air dòigh leis an EU, agus càirdeas nas dlùithe a stèidheachadh - rud a bhiodh an uair sin air a chur mu choinneimh an t-sluaigh ann an referendum.

Mhìnich iad cuideachd nach toireadh am pàrtaidh cead do referendum eile air neo-eisimeileachd ann an Alba "anns na tràth bhliadhnaichean" de riaghaltas Làbarach.

A' toirt beachd air a' mhanifesto thuirt na Tòraidhean gum biodh "riaghaltas le Corbyn os a chionn a' ciallachadh chìsean nas àirde, mì-rian le dà referendum eile agus fiachan aig ìre eagallach."

Alba

Thuirt iad cuideachd gur e luchd-pàighidh nan cìsean "a tha ag obair cruaidh" a dh'fheumadh "na cosgaisean a phàigheadh".

Thuirt fear-labhairt Bhrexit nan Libearalach Deamocratach, Tom Brake, gum biodh planaichean nan Làbarach "air an droch mhilleadh" nan toireadh iad an Rìoghachd Aonaichte a-mach às an EU.

Agus bha e a' fàgail air na Làbaraich gum biodh "am plana airson seirbheisean a thoirt air ais dhan roinn phoblaich" a' fàgail an Riaghaltais "glaiste fad bhliadhnaichean".

Thuirt Ceannard an SNP ann an Westminster, Iain Blackford, gun robh na Làbaraich air "mì-shoillearachadh a dhèanamh air na prìomh rudan a tha a' bualadh air Alba."

"Leis gu bheil Riaghaltas an SNP air thoiseach air na pàrtaidhean eile a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde, a' cur mholaidhean adhartach air adhart 'son in-imreachas agus dìon a chur air saorsa gluasaid, agus a' cur an aghaidh siostam aramachd mì-mhoralta Trident, bu chòir do na Làbaraich taic a chur ri planaichean an SNP," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo