Mì-thoileachas mu dhùnadh a' Mhargaidh Bhictòrianaich

Am Margaidh Bhictòrianach Image copyright Highland Council
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tabhainn taic-airgid a thoirt do luchd-gnothachais anns a' Mhargaidh Bhictòrianach air an toir an dùnadh buaidh.

Tha mì-thoileachas ag èirigh mu phlana gus ionad bhùithtean ann am meadhan Inbhir Nis a dhùnadh cho fada ri bliadhna airson obair leasachaidh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tabhainn taic-airgid a thoirt do luchd-gnothachais anns a' Mhargaidh Bhictòrianach air an toir an dùnadh buaidh.

Ach chan eil sin gu leòr do chuid, 's iad ag ràdh gum bi na gnothachasan aca a' dol à bith às dèidh a bhith a' dol fad bhliadhnaichean.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tabhainn airgid dìolaidh stèidhichte air sia mìosan de mhàl, air neo maoineachadh a bhiodh an coimeas ris a sin do na 14 bùithtean a tha a' reic ann am Margaidh Bhictòrianach Inbhir Nis.

Gluasad

Dh'fheumadh iad tagradh ùr a chur a-steach airson àite ùr aon uair 's gun tèid an togalach a leasachadh, ach tha eagal air cuid gur dòcha nach bi iad soirbheachail.

Tha cuid eile teagmhach gun tèid an gnothachasan à bith ma dh'fheumas iad na bùithtean aca a leigeil seachad agus gluasad gu àiteigin eile airson grunn mhìosan.

Thuirt an t-ùghdaras ionadail gu bheil conaltradh a' leantainn le marsantaich air mar a thèid an togalach ùrachadh.

Thèid iarraidh air buill Comataidh Sgìreil Inbhir Nis taic a thoirt do na planaichean Diardaoin.