Deich bailtean an Leòdhas ag obair còmhla air plana leasachaidh

Tursachan Chalanais
Image caption Tha am plana airson buannachd eaconomach nas fheàrr fhaighinn à turasachd

Tha dòchas aig daoine bho Dhail Mòr gu Gearraidh na h-Aibhne air taobh siar Leòdhais gum bi e nas fhasa taic-airgid fhaighinn mar aon bhuidhinn.

Tha faisg air 800 duine a' fuireach ann agus chaidh faighneachd dhaibh dè a bha a dhìth sa sgìre, agus 's ann air na beachdan aca a tha plana leasachaidh ùr stèidhichte.

'S e am prìomh amas aig na diofar bhuidhnean coimhearsnachd obraichean ùra a chruthachadh agus gum bi taighean gu leòr ann a chumas daoine òga anns an sgìre.

Tha faisg air dà thrian den sgìre fo shealbh phoblach le oighreachdan prìobhaideach aig gach ceann dhith.

Cothroman do dhaoine òga

Fhuair na diofar bhuidhnean coimhearsnachd taic bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson conaltradh poblach agus am plana a sgrìobhadh agus a chlò-bhualadh.

'S e Urras Oighreachd Chàrlabhaigh a th'air a bhith ann an làmhan na coimhearsnachd bho 2015 a bha os cionn na h-obrach.

Tha oifigear leasachaidh an urrais, Dòmhnall MacFhionghain, ag ràdh gu bheil iad airson cothroman beò-shlàinte a dhèanamh a bhith aig muinntir an àite

"Obraichean, cothrom a bhith a' fuireach an seo, taighean math de gach seòrsa a bhith ann dhaibh agus cothrom air talamh airson taigh a thogail a bhith aig daoine cho math ri croitean."

A' brosnachadh turasachd

Bidh 120,000 duine a' tadhal air an sgìre gach bliadhna a dh'fhaicinn trì de na làraich eachdraidheil as tarraingiche sna h-Eileanan Siar air fad - Tursachan Chalanais, Dùn Chàrlabhaigh agus Taighean-tughaidh nan Geàrrannan.

Tha Cathraiche Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, Coinneach Mac'Illinnein, ag ràdh gur e barrachd buannachd fhaighinn à turasachd fear de na h-amasan aca.

"Chan e a-mhàin turasachd far am bi daoine a' tighinn a choimhead air na rudan a th'againn ach gum fuirich daoine sa sgìre againn airson là neo dha agus gum faigh daoine obraichean agus cosnaidhean ri linn sin," thuirt e.

Tha Sally Reynolds na h-oifigear leasachaidh le Urras Oighreachd Chàrlabhaigh: "Chan eil airgead ann mar a bha agus feumaidh sinn obair còmhla airson am pìos beag a th'ann fhaighinn.

"Tha sinn ag iarraidh daoine òga a' fuireach ann an seo, ag obair ann an seo agus a bhith toilichte ann an seo," thuirt i.