Comataidh Gàidhlig ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd

Sanas Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid Comataidh Ghàidhlig a stèidheachadh às ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-bhliadhna.

Chaidh chur às dhan chomataidh Ghàidhlig aca ann an 2017.

Thuirt fear-strì na Gàidhlig Art MacCarmaig gun dèan seo obair na Gàidhlig taobh a-staigh na Comhairle nas fhollaisiche.

Tha buaireadh air a bhith a' leantainn na Comhairle anns na mìosan a chaidh seachad mu litir a sgrìobh ceannard na Comhairle mu fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Gearradh

Aig an dearbh àm, cho-dhùin a' Chomhairle gun geàrr iad an taic-airgid a bheir iad dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

An-dràsta, bidh a' Chomhairle a toirt seachad £40,000 gach bliadhna dhan Chomunn Ghàidhealach, a' bhuidheann a tha os cionn a' Mhòid Naiseanta.

Ach an-ath-bhliadhna thèid an t-suim sin a ghearradh le 6.25% gu £37,500.

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghain ge-tà gun robh e misneachail gun tilleadh am Mòd a dh'aindeoin nan gearraidhean.

"Tha a' Gàidhlig air leth cudromach dhuinn mar chomhairle agus bidh sinne ag obair còmhla ris a' Chomunn Ghàidhealach agus Bòrd na Gàidhlig airson na Gàidhlig," thuirt e.

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis an ath-bhliadhna, agus tha a' Chomhairle fhathast an dòchas gun till e dhan sgìre ann an 2024, 2028 agus 2032.

Chan eil fhios fhathast ciamar a ghabhas an Comunn Gàidhealach ris na chaidh aontachadh aig a' choinneimh.

Fèisean eile

Tha comhairliche eile ag ràdh gum bu chòir dhan Chomhairle barrachd taic a thoirt do dh'fhèisean is tachartasan Gàidhlig eile cuideachd, mar a tha iad a' toirt taic dhan Mhòd.

Thuirt an Comh. Raymond Bremner: "A h-uile bliadhna bidh na fèisean a' dol air feadh na Gàidhealtachd, mar fhèis Blàs no Fèisean nan Gàidheal agus chan eil mi a' faicinn nan aithrisean a' tighinn bho oifigearan na Chomhairle mu dhèidhinn nam fèiseanan sin."

"Bhiodh e math na h-aithrisean fhaighinn agus smaoineachadh air an airgead a bhios iadsan a' faighinn a h-uile bliadhna," thuirt e.