Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ailig Salmond

Nochd Ailig Salmond anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann an-diugh, fo chasaid gun tug e ionnsaighean drabasta air deichnear bhoireannach eadar an t-Ògmhìos ann an 2008 agus an t-Samhain ann an 2014, fhad 's a bha e na Phrìomh Mhinistear na h-Alba. Tha 14 casaidean an aghaidh Mhgr Salmond, a tha 64 bliadhna de dh'aois, agus e dol às àicheadh iad uile. Tha aon chasaid na aghaidh gun do rinn e oidhirp air èigneachadh, aon chasaid gun robh e am beachd èigneachadh a dhèanamh, deich a thaobh ionnsaighean drabasta agus dà chasaid mu ionnsaighean mì-bheusach. Tòisichidh a' chùis-lagha sa Mhàirt an ath-bhliadhna agus dùil gum mair i 4 seachdainean. Thuirt Mgr Salmond air taobh a-muigh na cùirte an-diugh gu bheil e neo-chiontach agus gun cuir e dìon làidir air e fhèin.

Prionnsa Anndra

Chuir luchd-lagha an fheadhainn a dh'fhulang le drabastachd an Aimeireaganaich Jeffrey Epstein fàilte air na thuirt am Prionnsa Anndra a thaobh gu bheil esan deònach bruidhinn ri ùghdarrasan an lagha sna Stàitean Aonaichte. Tha am prionnsa a' seachnadh obair phoblach a' chiad ghreis an dèidh na connspaid mu a cheanglaichean ri Epstein.

An Taghadh

Tha na Làbaraich a' foillseachadh manifesto an taghaidh an-diugh le gealltanas gun tog iad an àireamh as motha thaighean comhairle ann an 50 bliadhna. Thuirt Jeremy Corbyn gur e seo am plana as adhartaiche ann an iomadh bliadhna airson leasachadh na dùthcha. Tha na Tòraidhean ag ràdh gun tog iadsan millean dachaigh ùr air an ath chòig bliadhna. Tha gealltanas cuideachd aig na Làbaraich air £10m airson seirbheisean poblach ann an Alba thairis air deich bliadhna. Tha pàrtaidhean eile agus na Tòraidhean am measg na chuir teagamh anns an t-suim a tha sin. Thuirt an SNP gu bheil na Làbaraich fhathast gun thuigse air Brexit is air cùisean eile. Tha na Lib Demaich ann an Alba a' moladh cùraim nas fheàrr airson slàinte-inntinn agus tha am Pàrtaidh Uaine ann an Alba a' bruidhinn air còmhdail nach eil dona dhan àrainneachd.

Google

Thuirt Google gun cuir iad stad air sànasachd phoileataigeach a tha ag amas air feadhainn a tha a' cleachdadh na diofair làraich aca. Cha bhi e ceadaichte tuilleadh do chompanaidhean fiosrachadh mu dhìlseachd phoileataigeach no cò dha a bhòt daoine ron an seo a chleachdadh nuair a tha iad a' co-dhùnadh cò air am bi iad ag amas airson an stuth aca a cheannach.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid comataidh Ghàidhlig a stèidheachadh às ùra aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-bhliadhna, bliadhnaichean an dèidh cur às dhan chomataidh a bh' ann. Thuirt an Comh. Alasdair MacFhionnaghainn gu bheil a' Ghàidhlig fìor chudromach dhan ùghdarras, ach tha e air tighinn am follais gun geàrr iad an taic-airgid dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail ged a tha iad an dùil tagradh air a shon a h-uile ceithir bliadhna.

Bailtean Leòdhais

Thàinig deich bailtean ann an Leòdhas còmhla le plana leasachaidh agus iad an dòchas mar sin gum bi cothrom nas fheàrr aca taic-airgid agus pròiseactan a thoirt gu buil le bhith ag obair còmhla. 'S ann air beachdan luchd-còmhnaidh eadar Dail Mòr gu Gearraidh na h-Aibhne a tha am plana stèidhichte.