'Ùidh' aig Netflix ann am prògraman Gàidhlig

Bannan
Image caption Chraoladh an siathamh sreath den dràma 'Bannan' na bu thraithe am-bliadhna.

Tha a' chompanaidh Young Films ag ràdh gu bheil ùidh aig Netflix anns a' chùrsa aca do sgrìobhadairean ùra telebhisein agus fiolm.

Gach bliadhna, cuiridh Bunait Young Films air dòigh cùrsa leasachaidh gus brosnachadh agus comhairle a thoirt do sgrìobhadairean ùra.

Tha iad cuideachd ag amas air ceanglaichean a thogail eadar sgrìobhadairean ùra agus feadhainn le cumhachd anns a' ghnìomhachas aca.

Dhearbh Chris Young, ceannard Young Films, gun robh e air bruidhinn ri riochdairean Netflix mu dheidhinn a' chùrsa leasachaidh aca.

Tha àite sònraichte air a' chùrsa airson co-dhiù aon sgrìobhadair Gàidhlig.

Image caption An togalach Fàs ann an Slèite far a bheil Young Films stèidhichte.

"Tha mise cha mhòr cinnteach gu bheil fìor deagh chothroman ann airson phròiseactan Ghàidhlig a leasachadh tro Netflix," thuirt manaidsear ba bunait Sandra NicRath.

"Tha daoine an còmhnaidh a' coimhead airson sgeulachd ùir, guthan ùra agus 's dòcha nach eil companaidhean mar Netflix air mòran a chluinntinn às a' Ghàidhealtachd."

"Bidh deagh chothrom aig an àm cheart do sgrìobhadairean ùra Gàidhlig."

'S ann stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a tha an cùrsa agus a' chompanaidh a chruthaich an sreath dràma 'Bannan'.

Na bu thràithe am-bliadhna, chaidh am prògram a reic ri companaidh Fhrangach far an tèid a chraoladh le dub Breatnais agus fo-thiotalan Fraingeis.