Manifesto nan Lib Deamach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Manifesto nan Libearalach Deamocratach

Tha na Lib-Deamaich air am manifesto aca fhoillseachadh air thoiseach air an taghadh agus mar a shaoilte, 's e stad a chur air Brexit a th' aig a chridhe.

Ma gheibh iad cumhachd, cuiridh iad stad sa bhad air Artaigil 50, agus cuiridh iad stad air Breatainn bho bhith a' fàgail an EU gun feum air referendum eile.

Tha am pàrtaidh a' dèanamh dheth gu bheil suas ri £50bn ri chosnadh bho bhith a' cur stad air Brexit, 'bònas fuirich', mar a th' aca air, agus gun gabhadh an t-airgead sin a chosg air seirbheisean poblach 's a bhith a' toirt piseach air bochdainn.

Tha a' bhuannachd a gheibheadh eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte bho bhith a' fuireach san Aonadh Eòrpach aig cridhe nam planaichean aca airson "àm ri teachd nas soilleire do mhuinntir na dùthcha."

Phàigheadh an £50bn airson 20,000 tidsear a bharrachd ann an Sasainn, bhiodh airgead a bharrachd ann do sgoiltean Shasainn, agus bhiodh airgead a bharrachd ann airson an fheadhainn air na tuarastail às ìsle a chuideachadh.

Tha am manifesto cuideachd gu mòr a' sealltainn seasamh nan Lib-Deamach air Atharrachadh na Gnath-Shìde agus cumhachd ath-nuadhachail.

Cuid eile de na poileasaidhean a tha iad a' moladh:

  • Targaid gum bi 80% den chumhachd a chleachdas an Rìoghachd Aonaichte ath-nuadhachail ro 2030
  • Cìs air feadhainn a bhios a' siubhal tric air itealain
  • Faraidhean rèile gan reothadh airson còig bliadhna do dh'fheadhainn a dh'fheumas siubhal tric chun an àite-obrach aca
  • Gach trèana gu bhith a' ruith tro dhealan no haidreaidean ro 2035
  • Àiteachan-fuirich a lorg do 10,000 a bharrachd fògarrach cloinne a tha leotha fhèin
  • Cainb ga reic gu laghail do dhaoine seachad air 18 bliadhna de dh'aois

Tha dùil ri manifesto Albannach nan Lib-Deamach an ath-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo