Brexit a' faighinn prìomhachais
- Air fhoillseachadh
B' e Brexit agus Seirbheis Nàiseanta na Slàinte na cuspairean a fhuair prìomhachas anns a' chiad dheasbad telebhisean de dh'iomairt an taghaidh eadar Boris Johnson agus Jeremy Corbyn.
Gheall Mgr Johnson "an àmhghar nàiseanta" a thoirt gu ceann, 's thuirt e gur e sgaradh agus dàil a tha fa-near dhan na Làbaraich.
Thuirt Jeremy Corbyn gum faigheadh esan fuasgladh air Brexit le bhith a' cur na ceist air ais ann an làmhan an t-sluaigh le cothrom bhòtadh air an aonta ùr a bheireadh esan, mar Phrìomhaire, dhachaigh às a' Bhruiseal.
Fhuair cunntas-bheachd a rinn YouGov às dèidh an deasbaid nach robh e soilleir cò a b' fheàrr a rinn anns an deasbad - leis a' chuid as motha de bhòtairean Làbarach a' dèanamh dheth gun do shoirbhich le Jeremy Corbyn, agus luchd-taic nan Tòraidhean den aon bheachd mun cheannard aca-san.
Bha mu 6.7m duine a' coimhead an deasbaid a chaidh a chraoladh air ITV.
Càineadh
Dh'fhailich iomairt laghail a rinn na Lib Deamaich agus an SNP an aghaidh mar a chaidh na ceannardan aca-san fhàgail a-mach às an deasbad.
A' bruidhinn às dèidh an deasbaid, thuirt ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, nach robh fear seach fear dhiubh freagarrach airson dreuchd a' phrìomhaire.
A rèir ceannard nan Lib Deamach, Jo Swinson, cha d'fhuairear ach "bluster" bhon dithis.
Bha e na bhriseadh-dùil do cho-cheannard a' Phàrtaidh Uaine ann an Sasainn agus a' Chuimrigh, Sian Berry, nach deach barrachd a dhèanamh de dh'atharrachadh na gnàth-shìde.
Thuirt Ceannard Pàrtaidh Bhrexit, Nigel Farage gu robh Jeremy Corbyn nas fheàrr air deasbad ach chàin e e seach nach tuirt e dè an taobh a bhòtadh e nan deadh referendum eile a chumail air am bu chòir do Bhreatainn an EU fhàgail.
Cunntas Twitter
Aig a' cheart àm, tha na Tòraidhean a' faighinn an càinidh air sgàth 's mar a dh'atharraich iad ainm fear den na cunntasan Twitter aca gu "factcheckUK" fhad 's a bha an deasbad a' dol.
Dh'iarr na Lib Deamaich air Coimisean an Taghaidh gnothach a ghabhail ris.
Ach thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Dominic Raab, nach biodh seo air duine a mhealladh.