"Cailleach-oidhche" a' faighinn a molaidh

Cailleach-oidhche Image copyright Laurence Liddy/BTO/PA
Image caption 'S e am facal cailleach-oidhche a thàinig aig barr na liosta

Dhùisg piseag a bha a' sealg dealain-Dè, lasair-choille. Manadh! Ars' am bumalair iargalta a bha sgiomalaireachd anns an fhionnairidh. Agus le siud, leig e sglongaid.

Suarach a' bhàrdachd ud, ach tha mòran de na facail as motha a tha a' còrdadh ri daoine anns a' Ghàidhlig a' nochdadh innte.

'S e am facal cailleach-oidhche ge-tà, a b' fheàrr a chòrd ri daoine ann an rannsachadh a rinn Comhairle nan Leabhraichean tro na meadhanan-sòisealta.

Thuirt Alison Lang bhon bhuidhinn gun do nochd a' cheist aca farsaingeachd de bheachdan.

"Fhuair sinn iomadh seòrsa facal ach bha dà rud a bha a' nochdadh gu sònraichte anns an liosta fhada a fhuair sinn - ainmean bheathaichean - ainmean caran annasach leithid lasair-choille a tha a' ciallachadh "goldfinch" agus cuideachd facail a' crìochnachadh le "ag" - leithid piseag 's ealtag 's crùbag".

"Cha do rinn sinn seo ann an dòigh shaidheantaifigeach sam bith - 's e dìreach rud spòrsail a bh' ann," thuirt i.

'S e "dreich" am facal a b' fheàrr le daoine ann an Albais a rèir an aon sheòrsa rannsachaidh a rinnear le Urras Leabhraichean na h-Alba.