Piseach air suidheachadh ionmhais Comhairle na Gàidhealtachd
- Published
Letheach slighe tron bhliadhna ionmhais seo, tha lùghdachadh £2m air tighinn air a' bheàrn a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sùileachadh anns a' bhuidseat aca.
Thathas a-nis a' sùileachadh beàrn de bheagan nas lugha na £400,000 - an taca ri còrr air £2.5m.
Cluinnidh comhairlichean Diciadain ge-tà, gum faodadh an suidheachadh sin atharrachadh fhathast air sgàth nan cosgaisean a bharrachd a thig orra anns a' Gheamhradh.
Nam measg sin dh'fhaodadh gum bi aca ri barrachd a chosg air seirbheisean cloinne, neo air rudan eile co-cheangailte ri droch shìde.
Ach tha an aithisg ag ràdh gun dèan sgioba stiùiridh na Comhairle an dìcheall am buidseat a chothromachadh ro dheireadh na bliadhna ionmhais.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh