Paraisìt ùr ghartain ga lorg an Alba

Published
image copyrightGetty Images

Chaidh paraisìt a dh'fhaodadh a bhith mairbhteach fhaighinn ann an caora an Alba.

'S e seo a' chiad uair a chaidh am paraisìt, air a bheil Babesia venatorum, 's a th' air a sgaoileadh leis a' ghartan, fhaighinn ann am Breatainn.

B' ann air caora an Ear-Thuath na h-Alba a chaidh fhaighinn.

Faodaidh Mac-an-duine an galar a dh'adhbharaicheas e fhaighinn.

Chaidh a chlàradh gu bitheanta ann an Sìona agus san Roinn Eòrpa, le dà chùis gan dearbhadh ann an daoine san Eadailt san 20 bliadhna mu dheireadh.

Gabhaidh Babesiosis leigheas mar as trice, ach feumar a ghlacadh agus aithneachadh gu math tràth.

Cunnart

Thuirt an t-Ionad Eòrpach airson Seachnadh agus Smachdachadh Ghalairean gum faodadh daoine comharran coltach ris a' flù agus an tinneas buidhe fhaighinn, 's gum faod e bàs adhbharachadh ann an droch chùisean.

Tha dùil aig luchd-saidheans ge-tà, gur beag an coltas gum faigh Mac-an-duine an galar.

Bha luchd-rannsachaidh a' coimhead ann an sgìrean far an deach galairean a th' air an sgaoileadh leis a' ghartan a chlàradh roimhe, 's thog iad fuil bho chaoraich, chrodh agus fhèidh.

Tha an luchd-rannsachaidh an dùil gur dòcha gur ann le eòin à Lochlann a thàinig am paraisìt a dh'Alba.

"Tha cunnart ùr an lùib B. venatorum a bhith san Rìoghachd Aonaichte do dhaoine a bhios ag obair, a' fuireach, no a' coiseachd ann an sgìrean far a bheil gartain agus stoc a th' air an gannrachadh - gu h-àraid caoraich," thuirt an Dr Willie Weir, à Oilthigh Ghlaschu.

"Ged a tha sinn den bheachd gur beag an coltas gum faigh Mac-an-duine e, a dh'aindeoin sin feumaidh luchd-obrach slàinte agus lìghichean-sprèidh anns na diofar sgìrean a bhith mothachail den ghalar, ma tha tuigse iomlan gu bhith againn air a' chunnart a tha an lùib ghalairean a sgaoileas gartain ann am Breatainn."