Cead ga mholadh do thuathanas-èisg
- Air fhoillseachadh

Tha oifigearan dealbhachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt do phàirt eile de sgeama thuathanasan-èisg far an Eilein Sgitheanaich.
Tha Organic Sea Harvest ag iarraidh ceithir tuathanasan-èisg a steidheachadh far Stafainn uile gu lèir.
Tha iad mar thà air cead fhaighinn airson dhà dhiubh.
Tha dragh air cuid ge-tà, mun bhuaidh air an àrainneachd agus seallaidhean san sgìre.
Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath air an treas tuathanas an ath-sheachdain.