Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

factcheckUK

Thuirt Twitter gun robh e meallta dha na Tòraidhean ainm aon de na cunntasan aca atharrachadh gu FactCheckUK fhad 's a bha deasbad taghaidh an telebhisein a' dol air adhart an-raoir. Thuirt na Tòraidhean nach robh iad ach a' toirt freagairt san spot do "sgudal a bha na Làbaraich a' sgaoileadh". Chuir Coimisean an Taghaidh an cuimhne a h-uile duine a tha ag iomairt anns an Taghadh gu bheil dleastanas orra sin a dhèanamh gu soilleir agus gu follaiseach, agus thuirt Twitter gum bi dìoghaltas ann ma thachras a leithid a-rithist.

NHS Ghlaschu agus Chluaidh

Bheir Rùnaire na Slàinte aithris do bhuill ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh agus dragh a' sìor fhàs mu Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu. Tha cuideam air Jeane Freeman NHS Ghlaschu agus Chluaidh a chur fo stiùir an Riaghaltais, agus bruidhinn ann air ceangal eadar salchair san uisge agus bàs dhithis chloinne aig Ospadal na Cloinne air làrach Ospadal na Bànrighinn.

Hong Kong

Tha fear a bha ag obair aig Consalachd Bhreatainn ann an Hong Kong ag ràdh gun do dh'fhulaing e ciùireadh air Tìr-Mòr Shìona far an robh e air turas gnothachais anns an Lùnastal. Tha Simon Cheng, aig a' Bhuidhinn-Leasachaidh Eadar-Nàiseanta Albannaich ag ràdh gun do chuir poilis dhìomhair Shìona glais-làimhe agus còmhdach sùla air, agus gun deach a dhochann airson gun canadh e gun robh e a' brosnachadh àimhreit ann an Hong Kong às leth Stàite Bhreatainn. Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Dominic Raab, air coinneamh iarraidh le Tosgaire Shìona ann an Lunnainn.

Imrichean

Thuirt poilis san Òlaind gur ann às Kuwait agus Iorac a bha a' mhòr-chuid den 25 duine a bha a' falach ann an làraidh air aiseag a bh' air slighe gu Felixtowe an-raoir. Chaidh dràibhear na làraidh, fear 39 bliadhna de dh'aois à Romàinia, a chur an grèim.