Maoineachadh a' Mhòid ga ghearradh

Duaisean a' Mhòid

Thig lùghdachadh air an taic-airgid a bheir Comhairle na Gàidhealtachd seachad dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Thèid a ghearradh bho £40,000 sa bhliadhna gu £37,500.

Tha a' Chomhairle cuideachd am beachd tagradh a chur air adhart airson an fhèis a chumail san sgìre a h-uile ceithir bliadhna bhon ath-bhliadhna.

Poileasaidh Gàidhlig

Aig coinneimh Diciadain, chuir comhairlichean romhpa cuideachd comataidh Ghàidhlig a stèidheachadh aig toiseach na h-ath-bhliadhna.

Bha buaireadh ann bho chionn ghioirid mu phoileasaidh na Comhairle air foghlam Gàidhlig, ach thuirt ceannard buidseit na Comhairle, Alasdair MacFhionghain, gu bheil iad a' cur luach anns a' chànan.

'S ann ann an Inbhir Nis a thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2020.