BBC Naidheachdan

Duaisean na Gàidhlig air an toirt seachad

Published
image captionThugadh seachad 11 duais aig an tachartas ann an Glaschu oidhche Mhàirt.

Chaidh Duaisean na Gàidhlig a thoirt seachad oidhche Mhàirt aig taigh-òsta a' Mharriott ann an Glaschu.

Tha na duaisean airson aithne a thòirt do dh'iomairtean 's do dhaoine a tha ri mholadh ann an saoghal na Gàidhlig.

Nochd còrr is 200 aoigh aig cuirm nan duaisean, a tha a-nis san t-seachdamh bliadhna.

Thugadh seachad 11 duais uile gu lèir air caochladh chuspairean, le duaisean airson spòrs, cultair is foghlaim nam measg.

'S e a' chompanaidh foillseachaidh Acair a bhuannaich Sàr-Dhuais na Gàidhlig agus fhuair Rona Lightfoot duais shònraichte cuideachd.

Aithne

"Gu math tric, tha daoine ag obair gu saor-thoileach, agus chan eil iad a' faighinn an t-seòrsa aithne airson na h-obrach tha iad a' dèanamh," thuirt ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllfhinnein

"Ach aig tachartas mar seo tha sinn a' comharrachadh na h-obrach a tha daoine a' dèanamh airson na Gàidhlig," thuirt i.

Sàr-Ghàidheal

"Tha sinn a' feuchainn ri comharrachadh agus ag aithneachadh na h-obrach a tha daoine a' dèanamh," thuirt bean an taighe Cathie NicDhòmhnaill a bha cuideachd air tè de na britheamhan.

"Chan ann a' sireadh molaidh a tha iad, ach tha sinn ag ràdh gu bheil sinn a' faicinn luach anns na tha sibh a' dèanamh," thuirt i.

Chuir an duais a chaidh a bhuileachadh oirre iongnadh air Rona Lightfoot.

"Cha robh dùil agam ri aon sian dheth seo," thuirt i.

Chaidh an tiotail Sàr-Ghàidheal a bhuileachadh oirrese mar aithne air a h-uile càil a tha i air dèanamh na beatha fhèin ann a bhith a' togail inbhe a' chànain.

"Cha ann dhomhsa mar sin a tha e air fad idir ach do dh'Uibhist a Deas air fad o chionn càite an d'fhuair mi a h-uile sian a fhuair mi riamh ach air an eilean agam fhìn mar a channas mi ris."

Toraidhean

Seo agaibh na geàrr-liostaichean agus cò a bhuannaich gach duais.

Duais airson taic do dh'ionnsachadh

  • Buannaiche: Alison Richardson agus Claire Dhòmhnallach
  • Cròileagan Grianach & Pàrant is Pàiste
  • An t-Oll. Stiùbhart MacLeòid agus Marcas Mac an Tuairneir

Duais Eaconomach na Gàidhlig

  • Buannaiche: Graficanna
  • Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

An Duais airson Tachartas

  • Buannaiche: Urras Oighreachd Ghabhsainn
  • The Gathering Festival

An Duais Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd

  • Buannaiche: Marisa Dhòmhnallach & Sgoil an Rubha
  • Druim nan Linntean
  • Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

An Duais Ealain is Chultarach

  • Buannaiche: Whyte (Alasdair MacIlleBhàin is Ross MacIlleBhàin)
  • Pròiseact Dìleab
  • Scots Opera Project

An Duais airson Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig

  • Buannaiche: Dawn Nic a' Phì
  • Alison Gael NicRath
  • East Ayrshire Leisure

An Duais Eadar-Nàiseanta

  • Buannaiche: Còisir Alba aig Eurovision
  • Catrìona NicIlleDhuibh
  • Tasglann Channaigh

Tosgaire Òg na Bliadhna

  • Lucy Hannah

Duais na Spòrs

  • Calum MacIlleathain

Sàr-dhuais na Gàidhlig

  • Acair

Sàr-Ghàidheal

  • Rona Lightfoot