Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh

Thèid Boris Johnson agus Jeremy Corbyn an aghaidh a chèile sa chiad dheasbad telebhisein ann an iomairt an taghaidh. Tha an deasbad fad uair de thìde air ITV a-nochd. Tha an SNP agus na Libearalaich Dheamocratach mì-thoilichte nach d'fhuair iadsan cuireadh agus gun do dh'fhàillig tagradh laghail an aghaidh sin an-dè.

Taleban

Chaidh dithis a bha an grèim aig an Taleban airson còrr 's trì bliadhna a shaoradh an dèidh aonta le Riaghaltas Afghanistan airson saoirse do phrìosaniach Taleban. Chaidh Kevin King às na Stàitean Aonaichte agus Timothy Weeks a bhuineas do dh'Àstrailia a shaoradh an dèidh dhan Taleban dearbhadh gu bheil triùir de na h-àrd chomandairean acasan air nochdadh ann an Qatar.

Slàinte

Tha Comataidh na Slàinte ann am Pàrlamaid na h-Alba a' ceasnachadh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, an-diugh mun sgainneal aig Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu. Chaidh rannsachadh a chur air bhonn an dèidh aithrisean air galairean san uisge san ospadal ann an Glaschu, agus tha ceistean ann cuideachd mu mhaill ann am fosgladh Ospadal Rìoghail na Cloinne ann an Dùn Èideann.

Uard

Bidh uard aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis dùinte an còrr den t-seachdain seo do dh'euslaintich às ùr. Dhùin uàrd 2A an dèidh tinneas am measg euslainteach. Bidh glanadh mionaideach ann mus fhosgail an uard a-rithist.

Hong Kong

Tha e coltach gu bheil 200 de luchd-iomairt fhathast am broinn na h-oilthigh ann an Hong Kong a tha air a bhith fo shèist fad trì là aig na Poilis. Dh'iarr ceannard Hong Kong, Carrie Lam, air an fheadhainn a tha fhathast san togalach gèilleadh. Thuirt na Poilis gu bheil iad air còrr 's 1000 den fheadhainn a tha ag iomairt airson deamocrasaidh a chur an grèim bho chionn là no dhà.

Turasachd

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil luchd-turais a' cosg £100m gach bliadhna san Eilean Sgitheanach. Agus tha an sgrùdadh dhan bhuidhinn SkyeConnect ag ràdh cuideachd gun tàinig àrdachadh mòr eile air àireamh Airbnb le mu 1,500 àite-fuirich den t-seòrsa sin anns an eilean. Thuirt manaidsear SkyeConnect, Alistair Danter, gum feum barrachd den airgead a tha ga thogail san Eilean Sgitheanach a chosg air bun-structar na sgìre.