Uard dùinte aig an Ràthaig Mhòr
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gum bi uard aig Ospadal an Ràthaig Mhòir dùinte do dh'euslaintich ùra fad na seachdain is tinneas ma sgaoil ann.
Chaidh Uard 2A a dhùnadh Dihaoine.
Dh'innis neach-labhairt bho NHS na Gàidhealtachd gu bheil grunn euslainteach air a bhith a' fulang le dìobhairt agus leis a' bhuinnich.
Thuirt iad gum feum a h-uile euslainteach a bhith seachad air comharran an tinneis fad 48 uairean, is gun tèid an uard an uairsin a ghlanadh gu mionaideach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh