Co-labhairt èiginneach eaconamaidh Chinn Tìre
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Co-labhairt èiginneach eaconomaidh Chinn Tìre

19 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail airson buidheann-obrach a stèidheachadh a bheachdaicheas air an t-slighe air adhart do dh’eaconomaidh Chinn Tìre.

Bha Fergus Ewing a' bruidhinn agus gnìomhachasan, aonaidhean ciùird, luchd-poileataigs agus buidhnean poblach a' tighinn còmhla aig coinneimh èiginnich ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Bha iad a' deasbad ciamar a ghabhas an eaconomaidh ionadail ath-bheòthachadh agus obraichean a' falbh aig factaraidh chrann-gaoithe agus aig taigh-bainne a' bhaile.