Bhòt ùr am measg luchd-iùil

Tha luchd-iùil aig Pùirt-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean gus bhòtadh air tairgse pàighidh ùir bhon chompanaidh.
Thig iomairt-obrach gu ceann fhad 's a tha am pròiseas a' dol air adhart.
Tha eas-aonta mu phàigheadh eadar an t-aonadh Prospect agus HIAL air a bhith a' leantainn fad mhìosan.
Tha an luchd-obrach air a bhith ag iarraidh àrdachaidh de 10% aig a' char as lugha.
Adhartas
Bha sreath de stailcean ann is iomairt-obrach a bha a' leantainn.
Ach thòisich còmhraidhean às ùr na bu thràithe air a' mhìos, is tha Prospect is HIAL a-nise ag innse gu bheil dreach-aonta aca.
Thathas a' tuigsinn gun do dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba gun ruig HIAL aonta pàighidh nach bi fo bhuaidh a' chasg a th' ann air àrdachadh pàighidh na roinne poblaich.
Dh'innis HIAL is Prospect gum bi an tuilleadh chòmhraidheann ann an t-seachdain seo is gum faigh buill Prospect cothrom an uairsin bhòtadh air an aonta.
Thig an iomairt-obrach aig Prospect gu ceann rè ùine aig 5:00f Dimàirt an 19mh Samhna.