Deasbadan an taghaidh a' tòiseachadh Dimàirt

Ceannard nan Làbarach Jeremy Corbyn agus am Prìomhaire Boris Johnson Image copyright Getty Images

Dimàirt aig 8:00f. gheibh sluagh na dùthcha a' chiad chothrom de dh'iomairt an taghaidh ceannardan an dà phàrtaidh as motha fhaicinn aghaidh ri aghaidh a' freagairt cheistean bhon luchd-èisteachd.

Boris Johnson agus Jeremy Corbyn. Am priomhaire agus ceannard nan dùbhlannach.

Ach, cò dhiubh a bhios anns gach dreuchd às dèidh an 12mh den Dùbhlachd?

Bidh an dà cheannard an dòchas gun cuidich deasbad iad ann a bhith a' faighinn a-steach gu Sràid Dhowning ron Nollaig.

Thèid an deasbad a-mach air ITV.

Connspaid

Cha robh e soilleir ge-tà an deidheadh an deasbad air adhart idir.

Cha robh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba no na Libearalaich Dheamocratach toilichte gur e ceannardan nan Tòraidhean agus nan Làbarach a-mhàin a gheibheadh a' chiad chothrom deasbad an aghaidh a chèile air an àrd-ùrlar.

Diluain, dh'fhailnich air na Lib Deamaich agus an SNP ann an tagradh laghail an aghaidh an deasbaid.

Cha robh iad den bheachd gun robh iad air am fàgail a-mach às a' chiad deasbad, gu h-àraidh leis gum fàgadh sin nach biodh duine air an àrd-ùrlar le seasamh làidir mu bhith a' fuireach san EU.

Bha an SNP cuideachd ag ràdh gum bu chòir do neo-eisimeileachd na h-Alba a bhith air a riochdachadh san deasbad.

San àrd-chùirt ann an Lunainn, thuirt am Morair Ceartas Davis agus Mgr Ceartas Warby nach robh a' chùis freagarrach airson sgrùdadh laghail.

Cha tug e ach 10 - 15 mionaidean dhaibh an co-dhùnadh a ruighinn, 's iad ag ràdh nach e craoladair poblach a th' ann an ITV, ach craoladair prìobhaideach agus leis a sin nach robh 'dleasdanas poblach' orra fon lagh co-cheangailte ris an deasbad.

Thuirt na britheamhan nach robh e an urra riuthasan a dhol an-sàs ann an gnothach deasachaidh le prìomh chompanaidh craolaidh.

Tha ITV air a chuingealachadh le riaghailtean craolaidh ge-tà, agus bidh cothrom aig na pàrtaidhean gearain a chur gun riaghladair Ofcom às dèidh dhan deasbad a dhol a-mach.

Deasbadan telebhisein

Tha deasbadan telebhisean air a bhith nam pàirt chudromach de dh'iomairtean taghaidh anns an Rìoghachd Aonaichte a-nis bho 2010.

Tha mòran den bheachd gun do chuidich deasbad na bliadhna sin Nick Clegg ann a bhith a' trusadh taic gu leòr do na Lib Deamaich a dhol ann an Riaghaltas co-bhanntachd leis na Tòraidhean.

Bidh na milleanan de dhaoine a' coimhead nan deasbadan, agus iad gam meas mar phàirt uabhasach cudromach den iomairt.

Bidh iad a' toirt cothruim dhan luchd-amhairc faicinn mar a tha ceannardan nam pàrtaidhean a' dèiligeadh ri ceistean agus suidheachaidhean ris nach eil dùil, mar a tha iad a' dèiligeadh ri càch a chèile, agus mar a tha iad gan giùlain fhèin air an àrd-ùrlar.

Bidh sreath eile de dheasbadan telebhisein ri fhaicinn mar phàirt de dh'iomairt an taghaidh 2019.

  • Dimàirt 19mh An t-Samhain: Boris Johnson agus Jeremy Corbyn air ITV aig 8f
  • Diardaoin 28mh An t-Samhain: Mr Johnson, Mgr Corbyn agus Ceannard nan Lib Deamach Jo Swinson air Sky
  • Dihaoine 22na An t-Samhain: Question Time nan ceannardan air a' BhBC aig 7f. Ceannardan nan Tòraidhean, Làbaraich, Lib Deamaich agus SNP le ceistean bhon luchd-amhairc.
  • Dihaoine 29mh An t-Samhain: Deasbad beò air a' BhBC bho 7f le riochdairean bho na seachd pàrtaidhean poileataigeach as motha. Na h-Uainich, Plaid Cymru agus Brexit nam measg.
  • Dihaoine 6mh An Dùbhlachd: Jeremy Corbyn agus Boris Johnson aghaidh ri aghaidh air a' BhBC bho 8.30f fo stiùir Nick Robinson.
  • Diluain 9mh An Dùbhlachd: Question Time sònraichte fo aois 30 le luchd-èisteachd an làthair de bhòtairean òga.
  • Dimàirt 10mh An Dùbhlachd: Deasbad Albannach beò à Glaschu fo stiùir Sarah Smith