Buannachd turasachd £100m dhan Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh
Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil luchd-turais a' cosg £100m sa bliadhna san Eilean Sgitheanach.
Sheall an sgrùdadh cuideachd gun robh àrdachadh mòr ann a-rithist anns an àireamh de dh'àiteachan-fuirich a gheibhear san Eilean Sgitheanach tron t-seirbheis Airbnb.
'S iad Ionad Mhoffat aig Oilthigh Cailleanach Ghlaschu a rinn an rannsachadh às leth na buidhne SkyeConnect.
Tha dùil gun tèid an rannsachadh air fad fhoillseachadh tràth sa bhliadhna ùir, ach tha ro-shealladh air nochdadh aig an ìre seo.
Bhruidhinn an luchd-rannsachaidh ri còrr is 3,000 neach-turais a bha air co-dhiù aon oidhche a chur seachad san eilean.
Fhuair iad gun robh iad a' cosg sa chumantas mu £200 an duine.
Leis gun tàinig 500,000 neach-turais dhan Eilean Sgitheanach ann an 2017 - ged a tha dùil gu bheil an àireamh sin air èirigh bhon uairsin - tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil seo a' fàgail gu bheil buannachd £100m a' tighinn bho thurasachd san eilean.
Bun-structar
Thuirt Alistair Danter bho SkyeConnect gu bheil na h-uimhir de cheistean ag èiridh às an rannsachadh.
"Tha fios againn ma tha cuideigin a' cur àite-fuirich air dòigh air loidhne, nach bi an t-airgead air fad a' tighinn dhan eilean", thuirt Mgr Danter.
"Ach tha seo a' sealltainn gu bheil an t-Eilean Sgitheanach a' toirt airgid a-steach a dh'Alba. Tha daoine a' tighinn a dh'Alba air sgàth is gu bheil iad airson tadhal air an Eilean Sgitheanach.
"Feumaidh sinn coimhead air an airgead a tha an t-Eilean Sgitheanach a' cruthachadh, is feumaidh e a bhith air a chosg an seo airson ar bun-structar a leasachadh", thuirt e.
Cha bhi e na iongnadh do dhuine gur e droch staid nan rathaidean an gearan as motha a nochd luchd-turais ann an rannsachadh Ionad Moffat.
Tha an rannsachadh cuideachd a' togail air na th' ann de dh'àiteachan-fuirich san Eilean Sgitheanach air an làraich Airbnb.
'S e gnothach a tha seo a bha fon phrosbaig aig a' phrògram telebhisein Eòrpa an t-seachdain seo chaidh, is ceistean gu leòr ann mun bhuaidh air taigheadas.
A rèir an luchd-rannsachaidh, tha an àireamh de dh'àiteachan-fuirich san Eilean Sgitheanach air Airbnb a-nise air a dhol seachad air 1,500.