Duaisean na Gàidhlig oidhche Mhàirt
- Air fhoillseachadh

Thèid duaisean na Gàidhlig a thoirt seachad ann an Glaschu oidhche Mhàirt.
'S e seo an seachdamh bliadhna a tha na duaisean air a bhith ann.
Tha iad ag amas air aithne a thoirt do dhaoine agus do bhuidhnean a tha a' dèanamh obair ionmholta a thaobh na Gàidhlig.
"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a' toirt aithne dha na daoine agus na buidhnean a tha ag obair às leth na Gàidhlig," thuirt Shona NicIllinnein, ceannard Bhòrd na Gàidhlig.
"'S e cothrom a th' ann airson a bhith ag ràdh ri cuid 'S math a rinn sibh, tha an obair agaibh cho prìseil airson na Gàidhlig'."
Am-bliadhna, fhuair na breitheamhan còrr is 200 moladh eadar-dhealaichte.
Chaidh na geàrr-liostaichean fhoillseachadh na bu thraithe:
Duais airson taic do dh'ionnsachadh
- Croileagan Grianach & Pàrant is Paiste
- An t-Oll. Stiùbhart MacLeòid agus Marcas Mac an Tuairneir
- Alison Richardson agus Claire Dhòmhnallach
Duais Eaconomach na Gàidhlig
- Graficanna
- Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
An Duais airson Tachartas
- The Gathering Festival
- Urras Oighreachd Ghabhsainn
An Duais Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd
- Druim nan Linntean
- Marisa Dhòmhnallach & Sgoil an Rubha
- Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
An Duais Ealain is Chultarach
- Whyte (Alasdair MacIlleBhàin is Ross MacIlleBhàin)
- Pròiseact Dileab
- Scots Opera Project
An Duais airson Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig
- Alison Gael NicRath
- Dawn Nic a' Phì
- East Ayrshire Leisure
An Duais Eadar-Nàiseanta
- Còisir Alba aig Eurovision
- Catrìona NicIlleDhuibh
- Tasglann Channaidh
Thèid buannaichean nan dùaisean eile - Duais na Spòrs, Sàr dhuais na Gàidhlig, agus Tosgaire òg na bliadhna - ainmeachadh air an oidhche fhèin.