Leigear cait-fhiadhaich ma sgaoil

Cat-fiadhaich Image copyright RZSS
Image caption Tha coltas gun rachadh cait-fhiadhaich gu tur à bith às aonais an leithid seo de phròiseact

Thèid cait-fhiadhaich air an àrach ann am pàirce fiadh-bheatha a leigeil ma sgaoil airson a' chiad uair.

A' tòiseachadh ann an 2022, thèid suas ri 60 cat-fiadhaich a shaoradh ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thaths an dùil 20 cat-fiadhaich a leigeil ma sgaoil gach bliadhna thairis air trì bliadhna ann an oidhirp gus a' ghnè seo, tha gu mòr ann an cunnart, a dhìon.

Image copyright RZSS
Image caption 'S e atharrachadh mòr ann an ro-innleachd ghlèidhteachas na gnèitheach a th' anns a' phròiseact

Fhuair am pròiseact £3.2m de mhaoineachadh bhon Aonadh Eòrpach agus thèid ionad sònraichte a thogail aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd mar phàirt dheth.

Cha bhi an t-ionad fosgailte dhan phoball.

Fad bhliadhaichean, tha luchd-glèidhteachais air feuchainn ris na h-àireamhan de chait-fhiadhaich ann an Alba a chumail suas.

Image copyright RZSS
Image caption Thòisichear cait-fhiadhaich a bhriodadh aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann na Creige anns na 1970an.

An-uiridh, ge-tà, chaidh aithris gun robh a' ghnè an ìre mhath air a dhol à bith, air sgàth 's gum bi iad a' briodadh le cait thaighe.

Tha lùghdachadh cuideachd air tighinn air na th' ann dhiubh ri linn tinneis, chàraichean agus mar a chailleadh àrainneachd sam biodh iad a' tighinn beò.